Rabhadh nach bi aiseag eachdraidheil buan ri linn còir uachdarain air teachd a-steach

- Air fhoillseachadh
Tha a' bhuidheann a tha a' ruith seirbheis aiseig eadar an t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr ag iarraidh crathadh a thoirt air seann lagh Albannach fom faigh uachdaran cuibhreann den teachd a-steach aca.
Cha bhi an MV Gleann a' Chaolais a' dol eadar Caol Reithe an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus Gleann Eilg ach eadar a' Chàisg agus an Dàmhair.
Tha dùil gur i an aon bhàt'-aiseig le clàr-tionndaidh airson carbadan a tha fhathast a' seòladh san t-saoghal.
Tha cead laghail - neo còirichean aiseig - aig uachdaran Oighreachd Chaoil Reithe, Richard Oliphant of that Ilk, air 5% de theachd a-steach bliadhnail Companaidh Coimhearsneachd Bàta-aiseig an Eilein Sgitheanaich.
Tha a' bhuidheann ag ràdh nach eil an suidheachadh "cothromach", agus tha iad a' sireadh taic chomhairlichean is luchd-poileataigs nan iomairt an lagh atharrachadh.
Dh'iarr BBC Naidheachdan beachd air Mgr Oliphant, ceann-feadhna Clann Olliphant, ach cha d' fhuair sinn freagairt.

Tha Jo Crawford ag iarraidh gun tèid a h-uile sgillin a nì a' chompanaidh aiseig a chosg a chùm maith na coimhearsnachd
Tha soitheach a ghabhas carbadan air a bhith a' seòladh tarsainn Chaoil Reatha bho 1934, ach tha seirbheis aiseig air a bhith air an t-slighe airson nan ceudan de bhliadhnaichean.
Ge-tà, dh'fhaodadh lagh a tha a cheart cho aosta a cur an cunnart.
Fon aonta-màil eadar Companaidh Coimhearsnachd Bàta-aiseig an Eilein Sgitheanaich agus Mgr Oliphant chan urrainn dhaibh nas lugha a phàigheadh dha na thug iad dha a' bhliadhna ron sin.
Thuirt Jo Crawford, Àrd-oifigeach na companaidh: "Gu fortanach, b' e bliadhna gu math soirbheachail a bh' ann an 2025 dhan aiseag agus bha an teachd a-steach a bu mhotha riamh againn.
"Tha esan a' faiginn 5% den teachd a-steach sin agus a dh'aindeoin na chosnas sinn sna bliadhnaichean às dèidh sin, agus am-bliadhna tha dùil gum faigh sinn nas lugha na an-uiridh, ach bidh e fhathast comasach dha £10,000 iarraidh oirnn."
Tha i ag ràdh, mar chompanaidh a stèidhicheadh a chùm màith na coimhearsnachd, gum b' fheàrr leotha gun tèid an t-airgead a thoirt dhaibh fhèin neo do bhuidhnean coimhearsneachd eile san sgìre.

Tha an sgiobair, Donnie MacDhòmhnaill, a' cumail a-mach nach eil an t-uachdaran "a' cosg sgillinn" air obair-chàraidh a bhios a dhìth air an lamraig leis a bheil e
Tha Companaidh an Aiseig ag iarraidh sealbh fhaighinn air an lamraig ann an Caol Reatha.
Tha iad ag ràdh gum biodh cothrom aca leasachaidhean a dhèanamh air na goireasan, cleas mar a rinn iad nuair a chaidh na còirichean aiseig air taobh Ghleann Eilg den t-slighe a reic riutha le Urras Togalaich is Talmhain Bhurton leis a bheil an talamh air tìr-mòr an sin.
Tha Donnie MacDhòmhnaill, sgiobair a' bhàta-aiseig, a' cumail a-mach nach eil Mgr Oliphant "a' dèanamh rud sam bith dhuinn".
Thuirt e: "Sgàinein sam bith air a' chidhe, obair saimeant, feumaidh sinn cuideigin fhaighinn airson a dhèanamh. Cha bhi e a' cosg sgillinn."
Tha còrr is 22,000 ainm air athchuinge ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs anns an eas-aonta eadar a' chompanaidh aiseig agus an t-uachdaran.
Tha BBC Naidheachdan air iarrtas a chur gu Mgr Oliphant a dh'fhaighinn a bheachd air a' chùis ach cha d' fhuaireadh freagairt.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2020

- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal 2019
