Àireamhan mòra a-staigh 'son farpaisean a' Mhòid an Glaschu

- Air fhoillseachadh
Tha barrachd dhaoine na riamh roimhe air cur a-steach gu farpaisean a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna.
Dh'fhoillsich an Comunn Gàidhealach gun do chuir 2,100 duine a-steach dha na farpaisean, 's 50 là a-niste air fhàgail mus tòisich an fhèis ann an Glaschu eadar an 9mh 's an 17mh là den Damhair.
Tha am figear sin 6.5% nas motha na bh' ann an-uiridh, nuair a chaidh Mòd a bhathas a' meas gu math soirbheachail a chumail ann an Loch Abar.
Thuirt an Comunn gu bheil an t-àrdachadh gu h-àraid follaiseach ann am farpaisean do chloinn fhileanta.
"'S e misneachd air leth a th' ann gu bheil ùidh cho mòr air nochdadh anns na farpaisean a th' againn aig A' Mhòd Nàiseanta Rìoghail," thuirt Àrd-Stiùiriche a' Chomuinn Ghàidhealaich, Peigi NicIllFhinnein.
"Tha na mìltean air sealltainn an ùidh a th' aca sa Ghàidhlig, le bhith airson pàirt a ghabhail anns na farpaisean agus gu bhith a' tighinn cruinn còmhla mar phàirt de choimhearsnachd shònraichte a' Mhòid," thuirt i.
Am Mòd a' dol a Ghlaschu agus dha na h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh4 An t-Ògmhios 2024
Sia mìosan chun a' Mhòid!
- Air fhoillseachadh9 An Giblean
'S e seo a' chiad uair a bha am Mòd air a chumail ann an Glaschu bho 2019, 's i gu bhith sna h-Eileanan Siar an ath-bhliadhna.
'S e adhbhar dòchais gu h-àraid a th' anns an àireimh mhòir fharpaiseach am-bliadhna, a rèir a' Chomuinn.
"Tha an ùidh mhòr a tha sinn a' faicinn, gu h-àirigh ann am farpaisean na cloinne ann an roinnean nam fileantach, na shamhla air fàs ann am misneachd sa Gàidhlig agus na adhbhar dòchais don chànan san àm ri teachd," thuirt Peigi NicIllFhinnein.
"Tha na h-iarrtasan as àirde a fhuair sinn a-riamh na dhearbhadh air an ùidh a th' ann an ceòl, cànan agus cultar na Gàidhlig bho air feadh na dùthcha agus tha sinn làn-chinnteach gu bheil Mòd air leth romhainn ann an Glaschu am-bliadhna.
"A bharrachd air na farpaisean trang bidh cuirmean-ciùil, cèilidhean, seiseanan is mòran thachartasan eile a' gabhail àite air feadh a' bhaile."