An Glenachulish 50 bliadhna de dh'aois
- Air fhoillseachadh

Tha bàt-aiseig an Glenachulish, a tha a' seòladh eadar Gleann Eilg agus Caol Reatha, 50 bliadhna de dh'aois air an t-seachdain seo.
Bidh cuirm ann an Gleann Eilg Disathairne airson sin a chomharrachadh.
'S i am bàt-aiseag mu dheireadh de seòrsa air an t-saoghal - sin bàta far am bithear a' cur car air an deic le làimh.
Bho 1982 tha i air a bhith a' ruith air an t-slighe ghoirid thar a' chaolais eadar a' Chàisg agus an Dàmhair gach bliadhna.
Seirbheis
'S e companaidh coimhearsnachd a th' air a bhith a' ruith na seirbheis bho 2007.
Chaidh a' chompanaidh a stèidheachadh nuair a bha an sgiobair aiseig aig an robh i mu dheireadh - Ruaraidh MacLeòid - a' leigeil dheth a dhreuchd.
Bha e fhein air a bhith a' ruith na seirbheis fad iomadh bliadhna.
"Bha i gu math sean an uairsin co-dhiù agus bha agam ri beagan a dhèanamh oirre", thuirt Mgr MacLeòid mun àm a cheannaich e fhèin am bàta.
"Nuair a cheannaich mise an t-aiseag, dìreach aig deireadh an t-seusain, dh'obraich mi i còmhla ri Murchadh (aig an robh am bàta ro-làimh) airson mu 6 sheachdainean gu deireadh an t-seusain.
"An uairsin thug mi air tìr am bàta agus dh'obraich mi oirre fad a' gheamhraidh", thuirt e.
Cudromach
"Cha robh i ann an staid ro dhona ach bha i feumach air beagan TLC. Agus rinn sinn sin.
"Bha an t-seirbheis cudromach aig an àm, cha robh drochaid an Eilean Sgitheanach ann ach cha robh i fada bhuaithe.
"Bha daoine a' cantail rium gun robh mi às mo rian a' ceannach an aiseig a bha sin.
Cabhag
"An rud mu dheidhinn an aiseig a tha seo, bha daoine a' tighinn oirre is cha robh cabhag mhòr sam bith orra is bha iad toilichte. Bha iad toilichte leis an dealbh a bha iad a' faicinn agus 's dòcha gum faiceadh iad dòbhran-donn is ròn no dhà agus bha iad air an dòigh glan leis.
"Tha am bàta ann an staid math dha-rìribh a-nis.
"Chosg a' bhuidheann choimhearsnachd airgead mòr oirre, chuir iad taigh-cuibhle ùr agus turntable ùr oirre agus rudan mar sin.
"Ma choimheadas tu às dèidh an einnsein, tha còir aice cumail a' dol airson, chanainn-sa, 50 bliadhna eile no bother", thuirt e.
Chaidh am bàta a togail san Truthail le Companaidh Togail-shoithichean Ealasaid.
Cha toir i ach mu chòig mionaidean a' dol bho thaobh gu taobh agus 's e an t-slighe as giorra a th' ann eadar an t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr.