Luchd-taic Alba 'dòchasach fhathast'air fhoillseachadh aig 16:26 TSB
16:26 TSB
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tha co-dhiù cuid den Arm Thartan dòchasach fhathast mu fhireannaich na h-Alba fo stiùir Sebastien Pocognoli.
Bithear an dòchas na 3 puingean fhaighinn ann am Masadonia a Tuath oidhche Shathairne.
Dàrbaidh mòr Chomhghaill air a ghluasadair fhoillseachadh aig 11:01 TSB 1 An Dàmhair
11:01 TSB 1 An Dàmhair
Tùs an deilbh, Thomas Nugent/Geograph
Chaidh an geama mòr aig bonn Prìomh Lìog na h-iomain Disathairne eadar Caol-Gleann is Caol Bhòid a ghluasad bho Chlachan Ghleann Da-Ruail gu Stèideam Dhùn Omhain.
Tha na nàbaidhean aig bonn na lìge an-dràsta.
Chan eil cùs dòchais ann do Chaol Bhòid is thèid iad sìos gu h-oifigeil Disathairne ma chailleas iad.
Tha Caol-Gleann iad fhèin ann an suidheachadh dùbhlanach is bidh dà phuing deatamach dhaibhsan ma tha cothrom gu bhith aca An t-Eilean Sgitheanach no Loch Abar a ghlacadh.
Bidh an geama ann a-nise air a' phàirc uachdaraich ann an Dùn Omhain aig 2:30f
Tha dùil ri uisge trom air a' Ghàidhealtachd Dihaoine a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air clàr na h-iomain Disathairne, anns a bheil grunn gheamaichean cudromach.
A bharrachd air a' gheama ann an Dùn Omhain, tha dà gheama mòr eile sa Phrìomh Lìog.
Feumaidh Ceann a' Ghiùthsaich an dà phuing an aghaidh Cheann Loch Seile ann an Rèaraig air neo bidh an tiotal aig Baile Ùr an t-Slèibh.
Bidh na Sgitheanaich ag amas air na puingean ann an Srath Pheofhair an aghaidh Chabar Fèidh 'son sreap air falbh bhon bhonn.
Mac an t-Saoir airson is gun tig an Open a dh'Alba nas triceair fhoillseachadh aig 15:30 TSB 30 An t-Sultain
15:30 TSB 30 An t-Sultain
Tùs an deilbh, PA
Thuirt Raibeart Mac an t-Saoir nach eil an Fharpais Fhosgailte a' tighinn a dh'Alba tric gu leòr.
Thug an goilfear às an Òban seachad a bheachd air thoiseach air Farpais Alfred Dunhill Links, a thòiseachas Diardaoin.
Bidh an fharpais ann thairis air ceithir là eadar Cill Rìmhinn, Càrn Ùstaidh is Kingsbarns.
Bha Mac an t-Saoir a' bruidhinn ann an Cill Rìmhinn, far an robh an Open ann an 2022 is far am bi farpais 2027.
Bha an Open cuideachd ann an Alba san Truthail ann an 2024.
Tha Mac an t-Saoir ag ràdh gu bheil feum air an fharpais a bhith ann an Alba nas trice agus air farsaingeachd de raointean.
"Tha mi den bheachd nach eil an Open ann an Alba cho tric 's a bu chòir na làithean seo.
"An seo fhèin (Cill Rìmhinn), Càrn Ùstaidh, Muirfield - b' fheàrr leam gun robh iad uile a' nochdadh.
"Na raointean seo - 's e raointean ceart, dùbhlanach a th' annta uile," thuirt e.
Thòisich an Open bho thùs ann an 1860 aig Preastabhaig is bha an fharpais ann an Alba a h-uile bliadhna gu 1894, nuair a chaidh a cluich 'son a' chiad turas ann an Sasainn aig St George's.
Bhon uairsin tha an fharpais air gluasad eadar raointean ann an Alba is Sasainn, is i cuideachd trì tursan air a bhith ann an Èirinn a Tuath.
Oidhche dhuilich do dh'Alba is Sebastien Pocognoli aig Hampdenair fhoillseachadh aig 09:26 TSB 30 An t-Sultain
09:26 TSB 30 An t-Sultain
Tùs an deilbh, SNS
Thuirt coidse ùr na h-Alba gu bheil e a' sùileachadh freagairt bho na cluicheadairean aige an aghaidh Masadonia a Tuath Disathairne às dèidh dhaibh call 3-0 ris an Eilbheis aig Hampden oidhche Mhàirt.
Chaidh Alba sìos gu deichnear tràth sa gheama nuair a phut Jack Hendry Dan Ndoye gu làr.
Chuir Ricardo Rodriguez am breab-saor an uairsin dhan lìon is Alba air toiseach-tòiseachaidh uabhasach a dhèanamh sa chiad gheama fo stiùir Pocognoli aig Hampden.
Thàinig tadhail eile bho Nico Elvedi is Zeki Amdouni san dàrna leth.
"Chan eil e furasta an aghaidh dheagh sgioba is le deichnear", thuirt Pocognoli.
"'S ann mu dheidhinn dè nì sinn a-nise a tha e. Bha cairt dhearg mhì-fhortanach ann is chaidh am breab-saor a-steach - cha b' urrainn na bu mhiosa.
"Rinn na balaich an dìcheall is bidh sinn an dòchas gum bi sinn a' coimhead air ais air an oidhche seo ann an dòigh dhiofraichte air a' cheann thall."
Bidh Alba a-nise an aghaidh Masadonia a Tuath ann an Skopje oidhche Shathairne is an uairsin an aghaidh Slobhinia a-rithist aig Hampden oidhche Mhàirt.
"A' coimhead air mar a tha cùisean air a dhol gu ruige seo, tha e cothromach a ràdh gur e Masadonia a Tuath an sgioba as miosa sa bhuidhinn againn," thuirt Iain MacDiarmaid, a bha ann an sgioba aithris BBC Spòrs aig Hamden oidhche Mhàirt.
"Ma tha sinn a' dol a dh'fhaighinn phuingean air falbh bhon taigh is ma tha sinn a' dol a dh'fhaicinn na stoidhle cluiche ùr a bhith air a chur an sàs - mar a chaidh a chur an sàs san dàrna leth an aghaidh Slobhinia - 's e an geama seo Disathairne a th' ann."
Pocognoli 'son an tuilleadh adhartais fhaicinn air fhoillseachadh aig 13:00 TSB 29 An t-Sultain
13:00 TSB 29 An t-Sultain
Tùs an deilbh, SNS
Thuirt coidse ùr na h-Alba gu bheil e airson is gun tòisich an sgioba aige an geama an aghaidh na h-Eilbheis aig Hampden oidhche Mhàirt mar a chrìochnaich iad an aghaidh Slobhinia Disathairne.
Bha Alba is Slobhinia co-ionnan 0-0 ann an Ljubljana sa chiad gheama aig Sebastien Pocognoli os cionn na sgioba ach chluich Alba gu math nas fheàrr san dàrna leth às dèidh dhaibh tòiseachadh car slaodach.
"Tha mi airson is gun cluich sinn 'son 90 mionaidean mar a chrìochnaich sinn ann an Slobhinia," thuirt Pocognoli.
"'S e briseadh-dùil a bh' ann nach do bhuannaich sinn - cha robh sinn riaraichte le aona phuing.
"Ach 'son a' chiad gheama gabhaidh sinn e".
Beò
Cluinnear an geama ann an Lìog nan Nàiseanan oidhche Mhairt beò air BBC Radio nan Gàidheal is am prògram a' tòiseachadh aig 7f.
Bidh Calum Dòmhnallach am measg na bhios ann an sgioba aithris BBC Spòrs is tha esan den bheachd gu bheil adhbhar aig Pocognoli a bhith misneachail.
"Bidh Pocognoli air gu leòr fhaicinn Disathairne gu bheil Alba comasach air tadhail a chur an aghaidh sgiobaidhean mar Slobhinia," thuirt Calum air Aithris na Maidne.
"Bidh dùbhlan nas motha rompha an aghaidh na h-Eilbheis ach chan eil sin a' ciallachadh nach tèid aca air an tadhal a tha sin a chur."
Fuamhairean Bhàideanach am measg nan tadhalair fhoillseachadh aig 09:47 TSB 28 An t-Sultain
09:47 TSB 28 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Thàinig an seachdamh tadhal aig Ceann a' Ghiùthsaich bho Roddy Young - ach bha buille mhòr ann cuideachd is Young air a ghoirteachadh aig an dearbh àm
Seachdain às dèidh dhaibh coinneachadh ann an cuairt dheireannach Chupa na Camamachd thill Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh gu geamaichean lìge is iad ri chèile a' buannachadh 7-0.
Cha robh coltas ann gun do rinn am partaidh mòr a bh' aca às dèidh an cupa a bhuannachadh cron air Ceann a' Ghiùthsaich is iad a' toirt pronnadh air Loch Abar aig an Dell.
Chuir Roddy Young còig de na seachd tadhail e fhèin, ach bha buille ann dha fhèin is dhan sgioba nuair a ghoirtich e a ghlùin fhad 's a bha e a' cur an tadhail mu dheireadh den là.
Cha robh coltas ro mhath air idir is bidh Ceann a' Ghiùthsaich a-nise an dòchas nach eil seusan Young seachad agus trì geamaichean lìge fhathast aca ri cluich.
Bidh fear dhiubh sin an aghaidh a' Bhaile Ùir is a h-uile coltas ann gur e an geama a dh'innseas cò bhuannaicheas an tiotal.
Ghabh am Baile Ùr an rathad fada gu Taigh na Bruaich is iad 'son faighinn seachad gu sgiobalta air a' bhriseadh-dùil a bh' acasan sa chuairt dheireannaich.
Bha iad cus ro mhath do Chaol Bhòid is Steven Dòmhnallach gan cur air thoiseach às dèidh seachd mionaidean le buille-peanais.
'S e 3-0 a bh' ann aig letheach-slighe is thàinig ceithir tadhail eile san dàrna leth - trì dhiubh bho Iain Robinson - is feasgar gu math cofhurtail aig a' Bhaile Ùr.
Blàr aig a' bhonn
Sna geamaichean sa Phrìomh Lìog rinn Camanachd an Òbain a' chùis 3-0 air Cabar Fèidh is 's e 6-0 a bh' ann dha Ceann Loch Seile an aghaidh Caol-Gleann.
Tha geama mòr a-nise aig Caol-Gleann an aghaidh nan nàbaidhean aca Caol Bhòid Disathairne seo tighinn - geama a dh'fheumas iad buannachadh ma tha cothrom gu bhith aca fuireach sa Phrìomh Lìog.
San Lìog Nàiseanta thàinig seusan lìge doirbh do Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal gu ceann nuair a chaill iad 5-0 ri Inbhir Aora, a dh'èirich iad fhèin dà àite san lìog.
Tha cothrom fhathast aig GMA crìochnachadh le duais ge-tà, is iad gu bhith a' cluich ann an Cupa a' Mhòid air an 10mh den Dàmhair an aghaidh Obar Dobhair.
Cuideachd air an deireadh-sheachdain dh'èirich na Leòdhasaich gu bàrr Lìog Tuath 2 nuair a rinn iad a' chùis 3-1 air Srath Ghlais sa gheama mu dheireadh aca den t-seusan.
'S iad Paddy Wilson, Ally MacLaomainn is John Slaughter a fhuair na tadhail dha na Leòdhasaich agus Ciaran Melens air an targaid do Shrath Ghlais.
Feumaidh na Leòdhasaich a-nise feitheamh 'son faicinn mar a thèid do Cill Mhàilidh is Loch Abar is cothrom acasan leum os on cionn ma bhuannaicheas iad na geamaichean mu dheireadh aca.
Cuairt dheireannach Chupa MalCivils dheth chun na h-ath-bhliadhnaair fhoillseachadh aig 16:18 TSB 23 An t-Sultain
16:18 TSB 23 An t-Sultain
Tùs an deilbh, Island Footie
Fo-thiotal an deilbh,
'S iad Am Bac a bhuannaich Cupa MalCivils an-uiridh.
Dhearbh cathraiche Chomann Ball-coise Leòdhais is Na Hearadh gun tèid cuairt dheireannach Chupa MalCivils am-bliadhna a chur dheth chun a' Ghiblein 2027.
Bha còir aig a' gheama eadar Barraigh is Am Bac a bhith ann Disathairne seo tighinn, às dèidh mar a chaidh a chur dheth an t-seachdain seo chaidh air sgàth na droch shìde.
Thuirt cathraiche a' chomainn, Brian Mac a' Ghobhainn, gu bheil an t-sìde agus trioblaidean siubhail dualtach buaidh a thoirt air a' gheama seo leis gu bheil am Foghair oirnn.
"'S ann air sgàth sin gur e spòrs samhraidh a th' ann am ball-coise sna h-Eileanan an Iar," thuirt e.
"Le sin, ghabh sinn an co-dhùnadh cuairt dheireannach Chupa MalCivils 2026 a ghluasad chun a' Ghiblein 2027.
"Thèid an dearbh là air an tèid an geama a chluich ainmeachadh nas fhaisge air an àm," thuirt e.
'S e seo an cupa airson sgiobaidhean nan Eilean Siar air fad.
'S iad Am Bac a bhuannaich an fharpais an-uiridh nuair a rinn iad a' chùis air an Rubha anns a chuairt dheireannaich 4-3.
Ros "na shàr eisimpleir" do cluicheadairean Cheann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 14:17 TSB 21 An t-Sultain
14:17 TSB 21 An t-Sultain
Fo-thiotal an deilbh,
Raghnall Ros a' bruidhinn ri Dòmhnall MacLaomainn às dèidh a' gheama mhòir Disathairne
Rinn sgiobair Cheann a' Ghiùthsaich moladh mòr air a' mhanaidsear aca Raghnall Ros às dèidh dha an sgioba a stiùireadh gu Cupa na Camanachd air an deireadh-sheachdain.
Rinn Kings an gnothach 2-1 air na seann nàimhdean aca Baile Ùr an t-Slèibh san Òban.
'S e seo a' chiad turas a tha Raghnall air Cupa na Camanachd a bhuannachadh mar mhanaidsear, ged a chàrn e stòras iongantach de bhuinn thairis air iomadh bliadhna mar chluicheadair.
Chaidh e na mhanaidsear air a' chluba an àite Iain Borthwick aig deireadh an t-seusain an-uiridh is Ceann a' Ghiùthsaich air Cupa na Camanachd a chall, rud a bha car connspaideach aig an àm.
'S e an sgiobair, Ruairidh MacAnndrais, a chuir an dà thadhal sa chuairt dheireannaich san Òban Disathairne agus Ceann a' Ghiùthsaich a' toirt na duaise air ais bho Bhaile Ùr an t-Slèibh.
Thuirt MacAnndrais gu bheil Ros air buaidh mhòr a thoirt air a' chluba mar mhanaidsear.
"Tha na tha Raghnall a' cur a-steach na shàr eisimpleir," thuirt MacAnndrais.
"'Tha iomain agus an cluba seo aig teis-meadhan a bheatha agus tha sinn uile a' faicinn sin.
"Tha e cho fìor chudromach dhuinn," thuirt e.
Le Cupa na Camanachd a-nise air ais ann an Ceann a' Ghiùthsaich, tha aire a' tionndadh dhan bhlàr eadar iad fhèin is Baile Ùr an t-Slèibh aig mullach na Prìomh Lìge.
Cluichidh Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Loch Abair Disathairne seo tighinn is Baile Ùr an t-Slèibh air an rathad gu Taigh na Bruaich.
Tha a h-uile coltas ann gur e an geama eadar na nàbaidhean air an 10mh den Dàmhair a dh'innseas cò gheibh an làmhan air an tiotal.
Dithis às Inbhir Nis ag iomradh do dh'Albaair fhoillseachadh aig 14:43 TSB 18 An t-Sultain
County aig bàrr Lìog 1air fhoillseachadh aig 08:49 TSB 16 An t-Sultain
08:49 TSB 16 An t-Sultain
Chaidh Ross County gu mullach Lìog 1 oidhche Mhàirt nuair a thug iad pronnadh uabhasach 8-0 air Queen of the South.
Chuir Chris Hamilton is Brian Greumach na Staggies 2-0 air thoiseach taobh a-staigh dìreach ochd mionaidean agus sin mar a bha cùisean aig leathach slighe.
Chuir Hamilton is Greumach tadhail eile tràth san dàrna leth is thàinig an uairsin a dhà eile bho Kieran Phillips.
Cha robh County deiseil is thàinig tadhail eile anns na deich mionaidean mu dheireadh bho Richard Chin agus Jamie Lindsay.
Thog na h-ochd tadhail County os cionn Hamilton Accies aig mullach na lìge, ged a tha iad co-ionnan air 16 puingean.
Tha Queen of the South aig a' bhonn is toiseach-tòiseachaidh gu math doirbh air a bhith aca air an t-seusan seo.
"Bha sinn fìor mhath is gach turas a chaidh rudeigin air choireigin ceàrr oirnn, chuir na balaich ceart e," thuirt manaidsear Chounty, Stuart Kettlewell.
"Chum iad orra tron gheama air fad is sheall a h-uile cluicheadair gu bheil rudeigin aca."
Duaisean gu leòr an Druim na Drochaidair fhoillseachadh aig 10:02 TSB 14 An t-Sultain
10:02 TSB 14 An t-Sultain
Fo-thiotal an deilbh,
Thog Gleann Urchadain tiotal na Lìge Nàiseanta air beulaibh an luchd-taice aca fhèin an Druim na Drochaid
Bhuannaich Gleann Urchadain an Lìog Nàiseanta is iad a' cur crìoch air sàr sheusan le droinneadh 8-1 a thoirt air Inbhir Aora ann an Druim na Drochaid.
Chuir Alfie MacLeòid Gleann Urchadain air thoiseach às dèidh dìreach trì mionaidean is ged a fhreagair Ailean Dòmhnallach do dh'Inbhir Aora, 's ann a ghabh sgioba a' Ghlinn an uairsin smachd làidir air a' gheama.
Bha iad 6-1 air thoiseach aig letheach slighe le dà thadhal a bharrachd bho MhacLeòid is trì bho Daniel MacIllEathain.
Bha an dàrna leth na bu shàmhaiche is dìreach dà thadhal ann, iad sin a' tighinn bho MacIllEathain is bho Neale Reid.
Tha sin a' fàgail an tiotail aig a' Ghleann agus Lòbhat a' dol suas còmhla riutha san dàrna àite - rinn iadsan a' chùis 2-0 air Cill Mhàilidh Disathairne.
Às dèidh dhan gheama eadar Gleann Urchadain is Inbhir Aora a bhith seachad bha geama mòr eile air a' phàirc ann an Druim na Drochaid - sin cuairt dheireannach Chupa an t-Sutharlanaich eadar Lochside Rovers is Ceann Loch Seile.
'S e geama faisg a bh' ann is na sgiobaidhean co-ionnan 2-2 aig letheach slighe.
Chuir Mata Rippon Lochside air thoiseach tràth san dàrna leth is bha coltas ann gun robh an cupa a' dol dhan Òban.
Sia mionaidean a-steach gu ùine a chaidh a chur ris a' gheama ge-tà, agus leis a' bhuille mui dheireadh, chuir Donnchadh MacMhaolain tadhal gus na sgiobaidhean fhàgail co-ionnan 3-3 is feum air leth-uair a bharrachd.
Chuir MacMhaolain an uairsin Ceann Loch Seile 4-3 air thoiseach, ach fhreagair am fear eòlach ud Rippon le dà thadhal eile is Lochside a' buannachadh 5-4 air a' cheann thall.
Prìomh Lìog
Tha cùisean mar a bha iad aig mullach na Prìomh Lìge is Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich air buannachadh air an deireadh-sheachdain.
'S e 4-1 a bh' ann dhan Bhaile Ùr an aghaidh a' Ghearasdain agus 3-1 do Cheann a' Ghiùthsaich an aghaidh Camanachd an Òbain, na tadhail aig Kings a' tighinn san dàrna leth às dèidh dhan Òban a bhith air thoiseach 1-0.
Rinn Cabar Fèidh a' chùis 5-1 air Caol Bhòid is bha briseadh-dùil ann dha Caol-Gleann is na Sgitheanaich is an geama mòr eatorra air a chur dheth.
Bidh aire a-nise a' tionndadh air Cupa na Camanachd is a' chuairt dheireannach eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich san Òban Disathairne seo tighinn.
Tiotalan dhan Rubha agus do Bharraighair fhoillseachadh aig 09:19 TSB 14 An t-Sultain
09:19 TSB 14 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio,
An tadhal a bhuannaich an lìog dhan Rubha
Tha gàirdeachas ga dhèanamh san Rubha agus ann am Barraigh is na sgiobaidhean sin air na lìogaichean ionadail aca a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain.
Bha na Rubhaich feumach air puing aig an taigh an aghaidh An Taobh Siar a bhith cinnteach air Lìog Leòdhais is na Hearadh.
Bha dùil ri geama faisg agus 's e sin a bh' ann - an aon tadhal a' tighinn tràth san dàra leth bho Aonghas Dòmhnallach.
Bha cothrom aig na Rubhaich goirid às dèidh sin cùisean a dhèanamh beagan na bu chofhurtail dhaibh fhèin, ach shàbhail Reece Montgomery aig na Siaraich breab-peanais bho Josh Mac a' Ghobhainn.
Chrìochnaich e 1-0 ge-tà, is na Rubhaich a' crìochnachadh aig bàrr na lìge, trì puingean air thoiseach air Athletic Steòrnabhaigh.
Chuir Aths crìoch air an t-seusan acasan le buaidh 6-1 an aghaidh nan Loch.
San dà gheama eile bha na Hearaich is Càrlabhagh co-ionnan 1-1 - na Hearaich a' crìochnachadh san treas àite - agus rinn Am Bac a' chùis 4-2 air Nis.
Chaidh duaisean na lìge a thoirt seachad oidhche Shathairne is Aonghas Dòmhnallach aig An Rubha air ainmeachadh mar Chluicheadair na Bliadhna.
'S e cuideachd a chuir barrachd thadhal na duine eile.
'S e Ross Dòmhnallach aig An Taobh Siar a fhuair duais Chluicheadair Òg na Bliadhna, agus Eòghann Dòmhnallach aig Aths air ainmeachadh mar Fhear-glèidhidh na Bliadhna.
Sia ann an sreath do Bharraigh
Bha Barraigh cuideachd feumach air puing an aghaidh Èirisgeigh gus Lìog Uibhist is Bharraigh a bhuannachadh - sin às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Uibhist a Tuath 2-1 sa gheama mhòr an t-seachdain seo chaidh.
Bha fios aig na Barraich gum biodh aca ri play-off a chluich an aghaidh Uibhist a Tuath nan cailleadh iad an aghaidh Èirisgeigh, ach air a' cheann thall bha cùisean an ìre mhath cofhurtail dhaibh ann am Bàgh a' Chaisteil is iad a' buannachadh 3-0.
Thàinig tadhail Bharraigh bho Mhata Davidson (2) is Kipps MacNèill.
Tùs an deilbh, Cluba Ball-coise Bharraigh
Tha Barraigh a-nise air Lìog Uibhist is Bharraigh a bhuannachadh sia bliadhna ann an sreath is iad fhathast ceum air thoiseach air a' chòrr san lìog.
Tha cothrom aca fhathast air duais eile cuideachd is iad gu bhith an aghaidh A' Bhac ann an cuairt dheireannach Chupa MalCivils.
Bidh an geama sin ann an Lìonacleit Disathairne seo tighinn.
Adhartas dha Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich
Bha Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich ann an Obar Dheathain air an deireadh-sheachdain 'son cluich an aghaidh Bon Accord City ann an Cupa na h-Alba.
Bha na sgiobaidhean air crìochnachadh 2-2 san Eilean bho chionn seachdain agus bha geama teann eile ann an Obar Dheathain.
Chuir Ailig Dòmhnallach agus Pòl MacFhionghain an Iar-Thuath 2-0 air thoiseach ach thàinig sgioba Obar Dheathain air ais gu làidir.
Bha iad 3-2 air thoiseach is coltas ann gun robh iad a' dol troimhe, mus do chuir Ryan Dunkel tadhal dhan Iar-Thuath gus na sgiobaidhean fhàgail co-ionnan.
Bha feum air breaban-peanais gus na sgiobaidhean a sgaradh agus 's iad na Sgitheanaich a rinn a' chùis.
Bidh an ath gheama aca san fharpais air an 3mh den Dàmhair.
An Rubha trì puingean air thoiseachair fhoillseachadh aig 08:54 TSB 10 An t-Sultain
08:54 TSB 10 An t-Sultain
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh cothrom aig An Rubha an tiotal a bhuannachadh aig an taigh Disathairne
Ghluais An Rubha trì puingean air thoiseach air Athletic Steòrnabhaigh aig mullach Lìog Leòdhais is Na Hearadh nuair a rinn iad a' chùis 9-1 air na Lochan oidhche Chiadain.
Chuir Aonghas Dòmhnallach còig tadhail dha na Rubhaich is bha Daniel Broker, DJ Clinton, Màrtainn Dòmhnallach is Anndra Moireach cuideachd air an targaid.
Tha An Rubha a-nise feumach air co-dhiù puing bhon gheama mu dheireadh aca an aghaidh An Taobh Siar ann an Garrabost Disathairne airson an tiotal a bhuannachadh.
Mura faigh An Rubha co-dhiù puing ge-tà, bidh cothrom aig Aths crìochnachadh co-ionnan còmhla riutha le trì puingean bhon gheama mu dheireadh acasan Disathairne.
'S ann an aghaidh sgioba nan Loch a tha an geama sin is a h-uile coltas mar sin gun dèan Athletic an gnothach.
Ma 's e is gum biodh na sgiobaidhean co-ionnan air a' cheann thall, bhiodh feum air geama play-off eatorra.
Bha aona gheama eile ann oidhche Chiadain is An Taobh Siar air a' chùis a dhèanamh 2-1 air A' Bhac.
Chuir Dòmhnall MacArtair na Siaraich air thoiseach is ged a fhreagair Graeme MacLeòid airson nam Bacach, fhuair Harry MacAonghais an tadhal a bhuannaich an geama airson An Taobh Siar.
Thog na trì puingean na Siaraich dhan cheathramh àite.
Tha Am Bac sìos san t-siathamh àite is iad air a dhol bhuaithe anns na seachdainean mu dheireadh.
Às dèidh dhaibh aig aon àm a bhith a' farpais airson an tiotail, tha Am Bac a-nise air còig de na sia geamaichean lìge mu dheireadh aca a chall.
"Urram mòr" dha MacLachlainn a bhith os cionn cuairt dheireannach Chupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 16:29 TSB 9 An t-Sultain
16:29 TSB 9 An t-Sultain
Fo-thiotal an deilbh,
Bha Steaphan MacLachlainn na rèitire aig cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais ann an 2025
'S e Steaphan MacLachlainn à Baile a' Chaolais an rèitire a bhios os cionn cuairt dheireannach Chupa na Camanachd eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich.
Tha Mgr MacLachlainn air a bhith na rèitire bho 2017 is thuige seo bha e os cionn chuairtean deireannach ann an Cupa MhicThàmhais, Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu is Cupa Shràth Èireann.
'S e seo a' chiad turas a nì e cuairt dheireannach Chupa na Camanachd.
"Tha mi air mo dhòigh, 's e urram mòr a th' ann agus bidh thu ag obair ga ionnsaigh mar rèitire," thuirt Steaphan.
"Tha mi gu math moiteil cuideachd gur e rèitire eile à Baile a' Chaolais a th' annam a tha a' faighinn an urraim a tha seo."
Bha Mgr MacLachlainn anns na naidheachdan ann an 2024 nuair a thàinig greim-cridhe air nuair a bha e os cionn geama eadar Cabar Fèidh is Ceann Loch Seile.
Rinn Conor Cormack is Cè MacRath aig Ceann Loch Seile, a tha ri chèile nan smàladairean, cobhair air le defibrillator.
"Fhuair mi tòrr taice bho thòrr dhaoine thar nam bliadhnaichean, is mura b' e tòrr dhaoine cha bhithinn an seo an-diugh 'son an t-urram a tha seo fhaighinn," thuirt Steaphan.
"Tha e a' ciallachadh na h-uimhir dhomh gu bheil mi gu bhith os cionn a' gheama as motha ann an seusan na h-iomain."
Bidh a' chuairt dheireannach ann Disathairne an 19mh den t-Sultain aig Pàirc Mossfield san Òban.
Bidh e beò air-loidhne air BBC Naidheachdan, air BBC Radio nan Gàidheal, is air BBC ALBA.
Duaisean do Chountyair fhoillseachadh aig 14:33 TSB 9 An t-Sultain
14:33 TSB 9 An t-Sultain
Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Thill Brian Greumach gu Ross County 'son an treas turas as t-samhradh
Chaidh toiseach-tòiseachaidh làidir Ross County air an t-seusan seo aithneachadh is Stuart Kettlewell is Brian Greumach air an ainmeachadh mar Mhanaidsear agus Chluicheadair na Mìos 'son an Lùnastail.
Bhuannaich County na ceithir geamaichean lìge a bh' aca san Lùnastal is iad cuideachd air adhartas a dhèanamh ann an Cupa na Lìge.
Tha Brian Greumach air a bhith am measg nan tadhal às dèidh dha tilleadh gu Inbhir Pheofharain toiseach an t-samhraidh is naoi tadhal aige thuige seo anns gach farpais.
"Tha mi uabhasach toilichte an duais fhaighinn, ach fhuair mi e mar thoradh air an obair a tha a' dol air adhart air feadh a' chluba," thuirt Stuart Kettlewell.
Thàinig na duaisean is County ag ullachadh airson geama mòr ann an Inbhir Pheofharain Disathairne an aghaidh Hibs sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa na Lìge.
Caol Àcain troimhe an Cupa Eòghainn MhicRathair fhoillseachadh aig 09:05 TSB 9 An t-Sultain
09:05 TSB 9 An t-Sultain
Chaidh Caol Àcain air adhart gu cuairt dheireannach Chupa Eòghainn MhicRath nuair a rinn iad a' chùis air Slèite is an Srath 4-1 oidhche Mhàirt.
Bha na sgiobaidhean co-ionnan 1-1 aig lethach ùine is sin mar a chrìochnaich cùisean às dèidh 90 mionaidean cuideachd, ged a fhuair iad ri chèile cairt dhearg anns na diogan mu dheireadh.
Chaidh Caol Àcain sìos gu naoidhnear tràth ann an ùine a bharrachd, ach a dh'aindeoin sin ghabh iad smachd air a' gheama is a' cur trì tadhail gus buannachadh 4-1.
Bidh Caol Àcain an aghaidh Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich air neo Malaig sa chuairt dheireannaich - bidh iadsan a' cluich air an 19mh den mhìos.