Deireadh linn dhan chiad Eaglais Shaor a chaidh a thogail sna Hearadh

Sealladh de dh'eaglais ghlas agus togalach glas ri a taobh.  Tha iad gu math faisg air a' chladach agus chìthear muir agus feamainn odhar agus creagan.  Tha coille bheag ann cuideachd.
Fo-thiotal an deilbh,

Bha am bàrd ainmeil, Iain Gobha na Hearadh, gu mòr air cùl na h-obrach Eaglais Mhànais a thogail

  • Air fhoillseachadh

Dùinidh eaglais eachdraidheil sna Hearadh airson an turas mu dheireadh le cuirm coimhearsnachd aig deireadh na mìos.

Tha Eaglais Mhànais sna Bàigh air clàr Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba le dlùth cheangail ris a' bhàrd ainmeil, Iain Gobha na Hearadh.

Bha esan gu mòr an sàs san iomairt a' chiad àite-adhraidh aig an Eaglais Shaor sna Hearadh a thogail ann an 1853

"Gu mì-fhortanach chan fhaca e fhèin buileach crìochnaichte i o chionn dh'eug e fhèin air an 6mh den Dùbhlachd 1852," mhìnich Hamish Mac an Tàilleir, a rinn mòran rannsachaidh mun togalach.

Taobh a-staigh eaglais. Cùbaid le beingean le cuiseanan bheilbeit dearga agus beingean fiodha airson an luchd-adhraidhTùs an deilbh, TORMOD CAIMBEUL
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Eaglais Mhànais air a bhith na àite adhraidh airson còrr is 170 bliadhna

Tha an laoidh aig a' bhàrd, Cuairt Cuain, stèidhichte air an turas a rinn e air bòrd soitheach na h-Eaglais Saoire ann an 1851 a thogail ionmhais airson an eaglais a stèidheachadh.

"Bha e airson agus gun deigheadh an eaglais a chrìochnachadh gun fiachan a bhith oirre agus tha sinn a' tuigsinn gun do choilean e sin," thuirt Hamish Mac an Tàilleir.

"'S i a' chiad Eaglais Shaor a bh' anns na Hearadh an dèidh an sgaraidh ann an 1843.

"Chaidh i tron a h-uile atharrachadh san eaglais a thachair on uair sin."

Bha i na h-eaglais shaor eadar 1853 agus 1900 nuair a chaidh i dhan Eaglais Shaor Aonaichte.

Ann an 1929 thill an eaglais sin air ais do dh'Eaglais na h-Alba.

Bha Eaglais Mhànais am measg nan ceudan de thogalaichean a tha Eaglais na h-Alba a' reic, agus thathar a' tuigsinn gun deach a cheannach.

Bidh cothrom aig a' phoball cruinneachadh san togalach, 's dòcha airson an turas mu dheireadh, aig cuirm coimhearsnachd air an 28mh den Lùnastal.

Tuilleadh air an sgeulachd seo