Fear a bhàsaich an tubaist air Rathad Mòinteach Bharabhais air ainmeachadh

Bhàsaich Roland Crichton san ospadal às dèidh na tubaiste Disathairne
- Air fhoillseachadh
Dh'ainmich na poilis fireannach a chaill a bheatha ann an tubaist rathaid ann an Leòdhas air an deireadh-sheachdain a chaidh.
B' e Roland Crichton, 56, a bhuineadh do Mhuile.
Bha Mgr Crichton a' dràibheadh motar-baidhg BMW dubh a bha an sàs ann an tubaist le càr MG airgid air an A857 eadar Steòrnabhagh agus Nis feasgar Disathairne.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu làrach na tubaiste faisg air Newmarket timcheall air 4.40f.
Chaidh Mgr Cricthon a thoirt a dh'Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh far an do bhàsaich e.
Chuir na poilis draibhear a' chàir, fear 44 bliadhna de dh'aois, an greim ann an co-cheangal ris na thachair.
Bha am prìomh-rathad eadar Steòrnabhagh agus Nis dùinte gu 05.00 madainn na Sàbaid.
Thuirt an Sàirdseant Scott Dòmhnallach gu bheil an "smuaintean le teaghlach Mhghr Crichton aig an àm fìor dhuilich seo".
"Tha sinn fhathast a' sgrùdadh feuch dè bu choireach ris na thachair. Dh'iarramaid air duine sam bith nach do bhruidhinn ris na poilis agus a tha a' smaoineachadh gu bheil fiosrachadh aca a dh'fhaodadh ar cuideachadh a thighinn a bhruidhinn rinn.
"Dh'iarrainn cuideachd air duine sam bith a bh' anns an sgìre agus aig a bheil dealbhan dashcam fios a chur thugainn, taobh a-muigh."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
