"Cha bhi mi a' smaoineachadh, 'ò tha mi a' dèanamh cus'"

Tha Mags Sproat ag ràdh gu bheil e a' toirt tlachd dhi toileachas chàich fhaicinn às na rudan a tha i a' cur air dòigh
- Air fhoillseachadh
Chaidh Mairead Chaimbeul Sproat à Glaschu ainmeachadh air geàrr-liosta Duaisean Dèan Diofar BBC Radio nan Gàidheal 2026.
'S ann à Uibhist a Deas a tha Mags, mar as fheàrr a dh'aithnichear i, bho thùs ach tha i air a bhith na tidsear bun-sgoile an Glaschu airson còrr is 25 bliadhna.
'S e aon de na pàrantan, Sìneag NicNeacail, a chuir air adhart i airson na duaise.
"Ma tha rudeigin ann, faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi Mags an sàs ann an dòigh air choireigin, agus toilichte sin a dhèanamh," thuirt Sìneag.
Tha Mags cuideachd an sàs ann an iomadach rud taobh a-muigh uairean na sgoile agus ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Baile Mòr nan Gàidheal.
Thuirt i: "Cha bhi mi a' smaoineachadh, 'ò tha mi a' dèanamh cus'."
Tha i ag ràdh gu bheil e a' toirt tlachd dhi a bhith "a' faicinn an toileachais a tha daoine a' faighinn às na rudan a thu a' cur air dòigh".

Bidh Mags a' cur seachad ùine leis a' chloinn-sgoile ag ullachadh airson nam farpaisean seinn aig a' Mhòd
Gach feasgar Diluain tha Mags a' cuideachadh còisir Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ag ullachadh airson a' Mhòid Rìoghail Nàiseanta a bhios sa bhaile san Dàmhair.
Thuirt i: "Tha sinn air a bhith ag obair gu cruaidh san sgoil airson aire phàrantan a thogail airson 's gu bheil iad a' faighinn a-mach mu dheidhinn a' Mhòid.
"Tha mise gu h-àraid a' brosnachadh sgoilearan gus am bi barrachd sna co-fharpaisean."
Tha i cuideachd air a bhith an lùib na h-iomairt an fhèis Ghàidhlig a chumail sa bhaile agus i na ball de chomataidh ionadail Mòd Ghlaschu.

Tha na Duaisean Dèan Diofar aig a' BhBC a' toirt urraim do dhaoine a nì obair mhòr a chùm maith dhaoine eile
Tha Mags cuideachd na Ceann-suidhe air Comann Uibhist is Bharraigh.
Bidh cuirm shònraichte, An Drochaid, aca aig àm a' Mhòid "airson daoine fhaighinn còmhla a' comharrachadh cho soirbheachail 's a tha na coimhearsnachdan againn".
'S i Mags an dàrna duine air geàrr-liosta na bliadhna, an dèidh mar a chaidh Coinneach Roddy MacIllEathain à Nis ainmeachadh bho chionn seachdain.
Thuirt i: "Ged a tha mi toilichte gun deach mo chur a-steach air a shon, 's e rud gu math cudromach a th' ann gu bheil mi a' cumail a' dol agus a' dèanamh nan rudan sin airson inbhe na Gàidhlig a thogail agus na sgoilearan againn a bhrosnachadh."
Tha Sìneag NicNeacail ge-tà airson agus gum faigh i aithneachadh.
Thuirt i: "Tha mi a' smaointinn nach eil for aice fhèin gu bheil i a' dèanamh an leithid. Tha i daonnan ga dhèanamh cho toilichte agus tha i toilichte an ùine a thoirt seachad a' cuideachadh."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
