Naidheachdan 10:00m

Nepal

Tha ùghdarrasan Nepal ag ràdh gur e glacier a' tuiteam a dh'adhbharaich tuil mhòr agus maoim-slèibhe air a' chrìch eadar an dùthaich agus Tibet. Tha arm Nepal air 2,000 neach bho na feachdan a chur a shìreadh dhaoine is còrr is 1,000 a dhìth san sgìre. Tha co-dhiù 160 air bàsachadh. Tha 33 daoine às an Rìoghachd Aonaichte am measg na tha a dhìth agus 's e deugairean a th' ann an dithis dhuibh.

Tubaist rathaid

Chaidh fear a bhàsaich ann an tubaist rathaid ann an Leòdhas Disathairne ainmeachadh mar Roland Crichton à Muile. Thachair an tubaist mu 4.40f eadar càr MG airgid agus motar-baidhsagal dubh, air rathad Mòinteach Bharabhais, faisg air New Market. Chaidh Mgr Crichton a thoirt dhan ospadal far an do bhàsaich e. Cha deach duine eile a leòn. Chaidh draibhear fireann, 44, a chur an greim agus tha rannsachadh nam poileas a' leantainn.

NEET

Tha na figearan as ùire a' sealltainn nach robh 13% de dhaoine eadar 16 agus 24 ann an cosnadh, foghlam no trèanadh eadar an Giblean agus an t-Ògmhios. Sin san Rìoghachd Aonaichte. Sin 30,000 neach nas lugha na a' chiad chairteal dhen bhliadhna. A rèir Oifis nan Stadastaig Nàiseanta 's e fireannaich òga a th' ann an dàrna leth dhuibh.

FtMG an Ceann Loch Gilb

Beachdaichidh comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd an-diugh air iarrtas bho phàrantan ann an Ceann Loch Gilb gus aonad Gàidhlig a stèidheachadh san sgìre. Tha pàrantan 22 pàiste air an ainmean a chur ris an iarrtas a thèid air beulaibh na comataidh. Tha oifigearan a' moladh gun tèid an t-iarrtas air adhart gu làn measadh agus gun till e chun na comataidh san Dùbhlachd.

Ionnsaighean 9/11

Tha meadhanan nan Stàitean Aonaichte ag ràdh gu bheil britheamh airm air co-dhùnadh a dhèanamh gun nochd am fear a tha fo chasaid gur e bu choireach airson ionnsaighean 9/11 sa chùirt san Ògmhios 2028. Tha Khalid Sheikh Mohammed air a bhith air a chumail ann an ionad cabhlach nan Stàitean ann am Bàgh Ghuantanamo airson 20 bliadhna.