Dùinidh an aon taigh-bìdh san Eilean Sgitheanach le rionnag Mhichelin

Dùinidh an taigh-bìdh air an 31mh den Dàmhair an dèidh 10 bliadhna
- Air fhoillseachadh
Tha an aon taigh-bìdh san Eilean Sgitheanach le rionnag Mhichelin, Loch Bay, a' dol a dhùnadh aig deireadh na Dàmhair an dèidh deich bliadhna.
Dh'fhosgail an còcaire Mìcheal Mac a' Ghobhainn agus a bhean Laurence an taigh-bìdh ann an seann taigh-croite ann an sgìre Bhatarnais bho chionn 10 bliadhna.
Choisinn iad rionnag Mhichelin ann an 2017.
Sgaoil a' chàraid an naidheachd ann an teachdaireachd air na meadhanan-sòisealta.
Rionnagan Michelin a' fàs gann
- Air fhoillseachadh3 An Dàmhair 2017
Thuirt iad gur iad an luchd-obrach, na companaidhean solair agus a' choimhearsnachd a dh'fhàg gun robh iad cho soirbheachail.
"Bidh sinn daonnan cho taingeil dhan luchd-obrach agus luchd-cleachdaidh airson cothrom a thoirt dhuinn cuimhneachain phrìseil a chruthachadh a bhios againn gu bràth.
"Taing mhòr airson a bhith mar phàirt den sgeulachd againn," thuirt iad.
Dhearbh iad gun dùin Loch Bay aig deireadh na Dàmhair agus gu bheil fiughair aca ris na h-ath chaibidealan nam beatha phrìobhaideach agus phroifeasanta.
Thathar ag ràdh gur e Rionnagan Michelen am measg nan urraman as cliùtiche ann an gnìomhachas nan taighean-bìdh, a rèir VisitScotland, taobh a-muigh.