Ath-ùrachadh air dealbh de Mhurt Ghleann Comhann

Dealbh de bhoireannach le obair-glèidhteachais ga dhèanamh airTùs an deilbh, Egan, Matthews & Rose
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an dealbh a dhèanamh san 19mh linn

  • Air fhoillseachadh

Chaidh ath-ùrachadh a dhèanamh air dealbh a tha a' riochdachadh Murt Ghleann Comhann.

Chaidh an dealbh, a tha aithnichte mar Widow of Glencoe, a dhèanamh san 19mh linn agus tha e a' sealtainn boireannach na seasamh ri taobh corp fear, le sneachd a' laighe air an talamh.

Thug an teaghlach leis an robh e an dealbh seachad do Thaigh-tasgaidh Ghleann Comhann ann an 2023.

Rinneadh an obair-ghlèidhteachais mar phàirt de dh'ath-leasachadh £3m a tha ga dhèanamh an-dràsta air an taigh-tasgaidh.

An dà dhealbh, taobh ri taobhTùs an deilbh, Egan, Matthews & Rose
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an obair-ghlèidhteachais a dhèanamh le buidheann a tha stèidhichte ann an Dùn Dè

Thòisich an obair sin san Iuchar agus tha dùil gum fosgail an làrach às ùr ann an 2027.

Thuirt an taigh-tasgaidh gun robh an luchd-glèidhteachais, Egan, Matthews & Rose air obair "air leth" a dhèanamh.

Chan eil ainm air a chur ris an dealbh ach tha beachd ann bho chomharra a tha a' nochdadh air gur e fear James Goldingham a rinn e.

Tha clàradh a' sealltainn gun deach a thaisbeanadh ann an Acadamaidh Rìoghail nan Ealan an Lunnainn ann an 1881.

Tha an taigh-tasgaidh ag ràdh gum bi obair a' leantainn gus ainm an neach-ealain a dhearbhadh.

Thathar am beachd gun deach faisg air 40 de Chlann Dòmhnaill Ghleann Comhann a mharbhadh sa Ghearran 1692 an dèidh mar a fhuair saighdearan òrdugh ionnsaigh a thoirt orra.

Bha Clann Dòmhnaill ann an suidheachadh lag air sgàth 's gun robh iad a' cur taic ris an 7mh Rìgh Seumas de dh'Alba a bha cuideachd na dhàrna Rìgh Seumas de Shasainn.

Bha Clann Dòmhnaill airson agus gum biodh na Stiùbhartaich air an cur air ais air an rìgh-chathair agus bha iad an sàs ann an ciad Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1689.

Tha eachdraichean ag ràdh gun robh iad air dheireadh ann a bhith a' toirt seachad bòid dìlseachd don Rìgh Phròstanach Uilleamh III, agus gun deach ainmeachadh mar reubaltaich le Rùnaire na h-Alba, Sir Iain Dalrymple.