"Maill mhì-reusanta" ann an aithneachadh aillse air euslainteach a bhàsaich

SteiteasgopTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Cha do rannsaich dotair dragh a bh' air euslainteach luath gu leòr, goirid mus do bhàsaich iad le aillse, a rèir buidhne faire slàinte.

Chaidh innse don euslainteach gun robh tinneas an t-siucair orra an dèidh dhaibh tòrr chuideim a chall gun dùil, ach an dèidh dha na comharran sin leantainn thar grunn mhìosan, dh'fhaighnich iad den dotair aca am faodadh gun robh aillse paincrise orra.

Chaidh an t-euslainteach a chur a dh'ionnsaigh speisealtaich ann an trioblaidean stamaige mus deach deuchainnean fala a dhèanamh a dhearbh aillse paincrise.

Bhàsaich an t-euslainteach mu shia seachdainnean an dèidh sin.

Chaidh òrdachadh dhan ionad-dhotair - nach deach ainmeachadh - leisgeul a thabhann air teaghlach an duine airson "maill mhì-reusanta ann a bhith ag aithneachadh chomharran sònraichte" a bh' air innse gur dòcha gun robh aillse air an euslainteach.

Ann an aithisg, taobh a-muigh thuirt Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO) gum bu chòir don ionad-dhotair leisgeul a thabhann airson "ìre mì-reusanta" de thaic a thugadh dhan euslainteach timcheall air cùram deireadh-beatha, agus airson "a bhith an eisimeil gu mì-reusanta" air coinneamhan thar a' fòn.

Thuirt a' bhuidheann faire gun tug iad fa-near gun robh an t-ionad-dotair air freagairt "chuideachail" a thoirt do na draghan a chaidh a thogail ann an gearan an teaghlaich, agus don rannsachadh aca fhèin.

Thuirt an SPSO gun do ghabh iad comhairle neo-eisimeileach bho dhotair-teaghlaich a thaobh a' chùraim a fhuair a t-euslainteach, air a bheil "A" san aithisg.

"Fhuair sinn gun robh an stiùireadh iomchaidh soilleir agus gun robh comharran brataich dheirg air A airson aillse paincrise bhon chiad uair a nochd iad," thuirt an aithisg.

"Bhon cheum seo gu mar a chaidh an cur air adhart 's dragh cabhaigeach ann mu aillse, bha cothroman caillte ann a bhith ag aithneachadh nàdar nan comharran a bh' air A agus an cur air adhart airson tuilleadh sgrùdaidh."

Faodar aillse paincrise a lorg ann an àite sam bith anns a' bhrisgean-mhilis, òrgan ann an uachdar na stamaige.

Tha an NHS ag ràdh gum faod e a bhith doirbh a leigheas,, taobh a-muigh agus gum faod an cùram a bhith a' gabhail a-steach obair-lannsa, chemotherapy, radiotherapy agus cùram taiceil.