Maraiche a bha 65 bliadhna aig muir a' leigeil dheth a dhreuchd le CalMac

B' fheudar an criutha an ceann-là air a' phlàc a thug iad do Dhugie atharrachadh leis gun do theab e a dhreuchd a leigeil dheth turas neo dhà roimhe
- Air fhoillseachadh
Tha fear à Muile a' leigeil seachad a dhreuchd an dèidh a bhith ag obair 65 bliadhna aig muir, 42 dhiubh sin còmhla ri Caledonian Mac a' Bhriuthainn.
Thòisich Dùghall "Dugie" MacLachlainn leis a' chompanaidh ann an 1961 agus bha e ceithir bliadhna ag obair dhaibh mus deach e air feadh an t-saoghail na mharaiche.
'S iomadh port air an do chuir e eòlas eadar an Roinn Eòrpa, Canada, Indonèisia, Hawaii, Iapan, Astràilia, New Zealand, na Stàitean Aonaichte agus Aimeireaga a Deas.
An dèidh 27 bliadhna a' siubhal chuantan an t-saoghail thill e a dh'obair far an do thòisich e.
Ann an 1988 chaidh e na fhear-motair air bòrd an t-soithich ùir aig CalMac, an MV Isle of Mull, a tha a' seòladh eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair.
Bha a chuid eòlais air a' bhàta-aiseig, neo Daisy mar a chanas an criutha rithe, na bhuannachd mhòr do na h-Àrd-innleadairean thar nam bliadhnaichean nuair a bha troiblaidean teicnigeach ann.

Faodaidh Dugie sùil a chumail air an Isle of Mull fhathast bho a dhachaigh ann an Creag an Iubhair
Sa Ghiblean dh'fhàg an criutha soraidh slàn air Àrd-fhear-motair cabhlach ChalMac le cuirm air bòrd an Isle of Mull.
Thug iad dha dealbh den t-soitheach ach b' fheudar dhaibh an ceann-là atharrachadh oir 's e tiodhlac a bh' iad air faighinn nuair a theab e an dreuchd a leigeil seachd roimhe.
Thuirt an Caiptean Dermot O'Neill: "Aithnchte airson a bhith dìleas, proifeasanta agus moiteil às an obair aige, ghabh Dugie smachd air seòmar an einnsein agus choimhead e às dèidh an t-soithich le eòlas agus cùram.
"Agus chan eil teagamh nach bi Dùghall MacLachlainn a' cumail sùil gheur fhathast air Daisy bho a dhachaigh ann an Creag an Iubhair agus i a' seòladh seachad."