Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Ceartas

Tha dùl ri dàil trì uimhir ro 2028 mus tèid cùisean droch eucoir gu àrd-chùirtean na h-Alba. Dh'fhoillsich Seirbheis Cùirte agus Tribunal na h-Alba an tomhas sin fhad 's a tha iad ag iarraidh leasachaidh air an t-siostam. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag obair air ùrachadh agus gu bheil iad a' cur còrr is £11bn ri siostam a' cheartais.

Aimhreit

Tha Buidheann Faire nam Poileas an Alba ag iarraidh drònaichean agus aithne gnùise airson smachd a chur air fòirneart aig geamaichean ball-coise. Thuirt an t-Àrd-Insp. Craig Naylor a tha os cionn na buidhne nach fhaod aimhreit a bhith ann den t-seòrsa a bh' aig geama eadar Rangers agus Celtic aig Ibrox anns a' Mhàrt.

Harry is Meghan

Tha Diùc is Bana-Dhiùc Shussex a' tilleadh a dh'fhuireach anns an Rìoghachd Aonaichte sia bliadhna an dèidh gluasad a Chalifornia. Tha dùil gun gluais am Prionnsa Harry agus Meghan, agus an dithis chloinne gu dachaigh phrìobhaidich ann an Lunnainn ro dheireadh na mìos, ach cha bhi dleastanas Rìoghail orra.

Ospadal an Dr Gray

Chuir NHS Roinn a' Mhonaidh stad rè ùine air obair-lannsa cloinne aig Ospadal an Dr Gray ann an Eilginn ri linn dragh mu chùram agus sàbhailteachd. Thuirt am Bòrd Slàinte gun deach casg san Ògmhios air obair-lannsa èiginneach na cloinne, ach gun deach sin a leudachadh bho chionn ghoirid dhan a h-uile h-obair-lannsa ris an robh dùil.

An Ucràin

Thug an Ruis ionnsaighean mòra air Kyiv agus air bailtean eile san Ucràin an-raoir. Tha aithrisean ann gun deach 13 duine a mharbhadh agus còrr is 40 eile a leòn. Tha sgoil agus ospadal cloinne am measg na thàinig fo ionnsaigh.

Luchd-siridh Comraich

Dh'fhoillsich Oifis na Dùthcha comhairle air-loidhne do luchd-siridh comraich mu an giùlain fhèin san dùthaich seo. Tha sin ag ràdh gu bheil èigneachadh, sàrachadh feiseil, agus droch dhìol san dachaigh mì-laghail anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha Reform UK ag ràdh gu bheil sin a' dearbhadh gur aithne dhan Riaghaltas gu bheil luchd-siridh comraich nan cunnart.

Pàirce Mossfield

Tha carthannas ùr anns an Òban ag amas air luach £2m de leasachadh aig pàirc spòrs Mossfield sa bhaile. Tha còrr is 130 bliadhna ann bho chaidh a' phàirc a stèidheachadh, air am bi geamaichean iomain mar chuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaigh a-màireach.