Docherty fo chuideam an Inbhir Pheofharain?air fhoillseachadh aig 09:27 GMT 8 An Dùbhlachd 2025
Tùs an deilbh, SNSDè dìreach a tha air a dhol ceàrr ann an Inbhir Pheofharain?
'S e sin a' cheist a tha air gu leòr is Ross County a-nise air tuiteam gu bonn an Championship às dèidh call 2-1 ri Airdrieonians air an deireadh-sheachdain.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt Ailig O'Henley nach eil piseach idir air tighinn air cùisean mar a bha dùil bho ghabh Tony Docherty an stiùir aig deireadh na Sultuine.
"Tha fios gu bheil a dhreuchd-san fo bheagan de chuideam a-nise", thuirt Ailig.
Mura buinnig iad an ath gheama chanadh tu gum biodh co-dhùnadh aig Roy MacGriogair timcheall air àm na Nollaige agus chan e Bodach na Nollaige a bhios e a' cluich idir".
Thèid County a Chair Chaladain Disathairne airson a dhol an aghaidh Raith Rovers.
Tha ceistean de sheòrsa air choireigin eile aig sgioba eile na Gàidhealtachd.
Chaidh an geama ann an Cupa na h-Alba eadar Caley Thistle is Tranent a chur dheth an dàrna turas Disathairne is a' phàirc ann an Lodainn an Ear fo uisge.
Bha dùil an geama a chluich oidhche Luain ach chaidh a chur dheth an treas turas Didòmhnaich.
Tha fios ri brath eile tràth san t-seachdain a thaobh dè thachras a-nise.









