County air Ronan Hale a reic ri Gillinghamair fhoillseachadh aig 11:53 GMT 29 Am Faoilleach
Tùs an deilbh, SNSDhearbh Ross County gu bheil iad air Ronan Hale a reic ri Gillingham.
Tha an cluicheadair-aghaidh à Èirinn a Tuath air soirbheachadh gu math bho thàinig e gu County bho Chliftonville as t-samhradh 2024.
Bhon uairsin chuir e 30 tadhal ann an 68 geama, a dh'aindeoin nach robh County san fharsaingeachd a' dol ro mhath.
Chluich Hale do dh'Èirinn a Tuath 'son a' chiad uair an-uiridh is bha fathannan air a bhith a' dol anns na seachdainean mu dheireadh gum biodh e a' fàgail Inbhir Pheofharain.
Dhearbh County Diardaoin gun robh e air gluasad gu Gillingham airson suim nach deach fhoillseachadh.
Chuir Hale ainm ri cùmhnant dà bhliadhna gu leth leis na Gills, is roghainn aig a' chluba bliadhna eile a chur ris.
"Seo far a bheil mi airson mo bhall-coise a chluich is tha mi air dhòigh a bhith ann," thuirt Hale.
Tha Ross County air èirigh far bhonn an Championship bho chionn ghoirid is iad air seachd puingean a thogail bho na trì geamaichean mu dheireadh aca.















