Ceistean aig Pittodrieair fhoillseachadh aig 11:07 GMT 28 An t-Samhain 2025
Bha oidhche thrang is rudeigin measgaichte aig sgiobaidhean Albannach san Roinn Eòrpa Diardaoin.
Ann an Lìog Europa rinn Celtic an gnothach 3-1 air Feyenoord ann an Rotterdam is bha Rangers co-ionann 1-1 an aghaidh Sporting Braga aig Ibrox.
'S e 1-1 a bh' ann aig Pittodrie cuideachd eadar Obar Dheathain is FC Noah ann an Lìog Conference UEFA - is dùbhlan fhathast ro na Dons ma tha iad gus adhartas a dhèanamh.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, thuirt Iain MacDiarmaid gu bheil e fhèin am measg luchd-taice nach eil cinnteach fhathast an e Jimmy Thelin an duine ceart 'son a bhith aig an stiùir aig Pittodrie.









