Oidhirp air leth bho Kerry Nic a' Phì ann am Morocoair fhoillseachadh aig 15:55 GMT 12 An Gearran
Tùs an deilbh, Lloyd WrightThuirt an rothaiche Uibhisteach Kerry Nic a' Phì gur e rud cho iongantach 's a rinn i na beatha a bh' ann an Rèis Bheanntan Atlas ann am Moroco is i air crìochnachadh san dàrna àite.
Thòisich an rèis Dihaoine is slighe 1,350km ro na farpaisich is tro bheanntan àrda.
Rinn Kerry a' chùis air an dùbhlan ann an 5 là, 14 uairean a thìde is 5 mìonaidean.
'S i Cynthia Carson a rinn an gnothach ann an 5 là, 5 uairean a thìde is 2 mhionaid.
Tùs an deilbh, Lloyd WrightA' bruidhinn ri làrach Facebook na rèise, taobh a-muigh, thuirt Kerry nach robh siognal fòn aice fad làithean is nach robh i fiù 's a' faireachdainn gun robh i ann an rèis.
Rinn an fheadhainn a chuir an rèis air dòigh moladh mòr oirre is iad ag ràdh gun robh i air oidhirp air leth a dhèanamh ann am-bliadhna nuair a bha na farpaisich san fharsaingeachd aig ìre fìor àrd.
Dhearbh iad cuideachd gum bi Kerry a' farpais aig an rèis mhòir aca Silk Road ann an Kyrgyzstan as t-samhradh.














