"Nam biodh cuideigin air seo a thabhainn air Steve Clarke bhiodh e air a ghabhail"air fhoillseachadh aig 09:11 GMT 17 An t-Samhain 2025

Bhiodh Steve Clarke air a bhith gu math toilichte aig toiseach iomairt na h-Alba gus Cupa na Cruinne 2026 a ruighinn nam biodh fios aige gum biodh an gnothach ann an làmhan na sgioba a' dol dhan gheama mu dheireadh.
'S e sin am beachd a bh' aig fear de sgioba aithris BBC Spòrs, Calum Dòmhnallach, is e a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain.
Tha Alba le cothrom fhathast a' bhuidheann aca a bhuannachadh is a dhol gu Cupa na Cruinne gu dìreach is às aonais play-off, a dh'aindeoin is gun do chaill iad 3-2 sa Ghrèig oidhche Shathairne.
Leis gun deach an Danmhairg a chumail 2-2 an aghaidh Belarus aig an aon àm, tha cothrom aig Alba leum os an cionn ma nì iad a' chùis orra aig Hampden oidhche Mhàirt.
"Bhiodh Steve Clark gu dearbh air seo a ghabhail," thuirt Calum.
"A' coimhead air ais air cuid de na geamaichean a th' air bhith againn airson faighinn gu Cupa na Cruinne tha sinn air sgiobaidhean mòra, mòra a chluich: An Eadailt, An Spàinn, a' Ghearmailt.
"Tha an Danmhairg math ach chan eil iad aig an ìre aig an robh na sgiobaidhean sin nuair a chaidh sinn nan aghaidh.
"Dh'fhaodadh geama nas fhasa a bhith ann airson faighinn gu Cupa na Cruinne ach aon gheama airson faighinn ann - chan iarradh tu an còrr".
Cluinnear an geama oidhche Mhàirt air BBC Radio nan Gàidheal is am prògram a' tòiseachadh aig 7:00f.






