Croitearan air bhòtadh gus "Aonadh nan Croitearan" a thoirt air ais

Bò Ghàidhealach air talamh reòiteTùs an deilbh, Maree NicNeacail
  • Air fhoillseachadh

Bhòt AGM Chaidreachas na Croitearachd gu làidir airson ainm na buidhne atharrachadh air ais gu Aonadh nan Croitearan.

'S e sin an t-ainm a bh' ann nuair a thòisich a' bhuidheann ann an 1985.

Thairis air na bliadhnaichean chaidh atharrachadh an toiseach gu Bunait na Croitearachd is air a' cheann thall gu Caidreachas na Croitearachd (SCF).

Chaidh gluasad air beulaibh AGM na buidhne oidhche Mhàirt airson a dhol air ais chun an ainm a bh' ann bho thùs.

Air a' cheann thall bhòt 87% airson tilleadh gu Aonadh nan Croitearan.

Thuirt neach-labhairt bhon SCF gum bi iad a-nise a' sireadh cead bho bhuidheann-riaghlaidh nan cathrannasan, an OSCR, is Companies House airson ainm na buidhne atharrachadh.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt cathraiche an SCF gu bheil "mì-chinnt" ann am measg chuid mu obair na buidhne is gur e sin as coireach gun robh iad a' beachdachadh air tilleadh chun an ainm a bh' orra bho thùs.

"Tha sinn a' dèanamh obair trèanaidh is gnothaichean mar sin ach cuideachd tòrr obair poileasaidh agus a' bruidhinn ris an riaghaltas agus a' riochdachadh chroitearan ris a' mhinistear," thuirt Pàdruig Moireasdan.

"Sin an seòrsa obrach a bhiodh aonadh a' dèanamh co-dhiù.

"Mar sin chan e atharrachadh a bhiodh ann air an obair ach soillearachadh a thaobh amasan na buidhne do bhuill is do chroitearan".