Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig uair eile an Cataibh ceum nas fhaisge

togalch cloiche le craobh ri a thaobh
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh cuin a bhios FtMg am Bun-sgoil na Luirge a' crochadh air tidsearan fhastadh agus an togalach fhèin a leasachadh

  • Air fhoillseachadh

Chuir Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd an taic ri bhith a' tilleadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtMG) a Chataibh.

Dhùin an t-aonad Gàidhlig ann an Drochaid a' Bhanna timcheall air 10 bliadhna air ais, ach dh'iarr pàrantan san Luirg as t-samhradh gun rachadh FtMG ath-stèidheachadh san sgìre.

Rinneadh pròiseas measaidh a rèir Achd an Fhoghlaim (Alba) feuch an gabh foghlam Gàidhlig a thoirt seachad aig Bun-sgoil na Luirge.

A rèir na h-aithisg, taobh a-muigh air an robh comhairlichean a' beachdachadh Diciadain, nochd pàrantan ochdnar duine cloinne aig aois bun-sgoile sa bhliadhna 2027/28 agus ceathrar eile fo aois còig ùidh am FtMG san Luirg.

Dà bhoireannach nan seasamh.  Tha seacaid phurpaidh agus miotagan dearg air an tè air an làimh chlì agus seacaid uaine air an tè eile agus tha speuclairean oirre-se
Fo-thiotal an deilbh,

Cara Donald (clì) agus Lucy NicDhòmhnaill a tha ag iarraidh gum bi cothrom aig an cuid chloinne air foghlam sa Ghàidhlig

Feumaidh clann an-dràsta a dhol còrr is 50 mìle gach là gu Baile Dhubhthaich airson foghlam Gàidhlig bun-sgoile fhaighinn.

"Chan eil cothrom sam bith aig cloinn mura tèid aig am pàrantan ri an toirt 40 mionaidean gach madainn agus gach feasgar dhan sgoil-àraich," thuirt Cara Donald, aon de na pàrantan a tha ag iarraidh FtMG.

Tha cuimhne aig aon de na pàrantan eile, Lucy NicDhòmhnaill, gun robh a' Ghàidhlig aig na seann daoine nuair a bha i fhèin a' fàs suas san Luirg.

Thuirt i: "Chanainnsa, mar as sine a tha mi a' fàs chan eil an ginealach a tha sin ann tuilleadh. Mar sin, tha sinn air a call agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math cudromach feuchainn ris a' chultar agus an dualchas sin a chumail beò dhuinn."

Boireannach le falt liath gu a gualann agus speuclairean, le lèine ghorm is dhearg ann an seòmar le sgeilfichean air a cùlaibh
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich Fiona NicLeòid an iomairt Gàidhlig ann an Cataibh bho chionn dà bhliadhna

'S ann tron iomairt Gàidhlig ann an Cataibh a stèidhich Fiona NicLeòid, à Drochaid a' Bhanna, a dh'ionnsaich na pàrantan mar a chuireadh iad iarrtas airson FtMG gu Comhairle na Gàidhealtachd.

Chaidh an iomairt sin a chur air dòigh às dèidh aithrisean mu chunntas-sluaigh 2022 is a sheall cho dubhach 's bha cor na Gàidhlig san sgìre.

Thuirt Fiona: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Cataibh air ais a' mhapa, agus a-nis tha daoine eòlach gu bheil ùidh an seo agus tha na pàrantan ag iarraidh Gàidhlig.

"Tha e uabhasach math agus tha mi dìreach an dòchas gu bheil sin a' fàs agus a' fàs agus gum bi a' Ghàidhlig air ais an seo agus gum bi a' chlann a' bruidhinn Gàidhlig a-rithist."

Tha Cathraiche Comataidh na Gàidhlig, Drew Mac a' Mhuilleir, ag ràdh gu bheil am Plana Gàidhlig le "ard-amasan fàs a thoirt air Foghlam tron Ghàidhlig air feadh na Gàidhealtachd".

'S e Comataidh Foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd aig am bi an co-dhùnadh mu dheireadh, ach bidh cuin a thèid FtMG a stèidheachadh san Luirg a' crochadh air fastadh thidsearan agus làrach na sgoile a dheasachadh.