Tagradh às ùr mu chùis Aleksandr Benga dà bhliadhna on chaidh e a dhìth

Fear òg le falt bàn dorcha agus geansaidh liath airTùs an deilbh, POILEAS ALBA
  • Air fhoillseachadh

Thuirt na poilis gu bheil iad fhathast a' sireadh taic a' phobaill san iomairt aca lorg fhaighinn air fireannach à Steòrnabhagh a chaidh a dhìth ann an 2024.

Chunnacas Aleksandr Benga, 18, mu dheireadh mu 8.45 madainn an 18mh den t-Samhain sa Ghearraidh Chruaidh sa bhaile.

Rinn na seirbheisean èiginn, nam measg luchd-teasairginn nam beann, daibhearan agus coin nam poileas, na maoir-chladaich agus eòlaichean rannsachaidh eile, rannsachdh mòr aig an àm.

Dh'iarr Poileas Alba air duine sam bith nach do bhruidhinn riutha fhathast neo aig am fhaodadh fiosrachadh a bhith feumail dhaibh fios a chur thuca, taobh a-muigh.

Thuirt an t-Inspeactair Niall Mac an Tàilleir: "Cumaidh sinn oirnn a' coimhead air na th' againn de dh'fhiosrachadh agus nì sinn sgrùdadh air rud sam bith ùr a thig am bàrr.

"Tha seo fhathast gu math doirbh do theaghlach agus caraidean Aleksandr, agus tha e riatanach gum faigh sinn freagairtean dhaibh."

Tha Aleksandr 6'2" de dh'àirde, 's e caol agus le falt goirid donn.

Nuair a chunnacas mu dheireadh e bha geansaidh bhèis air agus briogais dìons dhubh, agus bha ad bhuidhe aige.

Bha e cuideachd air fhaicinn 's seacaid dhearg uime, a chaidh a lorg an dèidh làimh air Rathad Shìophort ann an Steòrnabhagh.