Croitearan gus bhòtadh a thaobh "Aonadh nan Croitearan" a thoirt air ais

- Air fhoillseachadh
Tha cathraiche Chaidreachas na Croitearachd ag ràdh gu bheil "mì-chinnt" ann am measg chuid mu obair na buidhne is gur e sin as coireach gu bheil iad a' beachdachadh air tilleadh chun an ainm a bh' orra bho thùs mar Aonadh nan Croitearan.
'S e sin an t-ainm a bh' ann nuair a thòisich a' bhuidheann ann an 1985.
Thairis air na bliadhnaichean chaidh atharrachadh an toiseach gu Bunait na Croitearachd is air a' cheann thall gu Caidreachas na Croitearachd.
Dh'fhaodadh gu bheil atharrachadh eile air fàire is bhòt gu bhith ann aig AGM na buidhne oidhche Mhàirt.
"Tha sinn air a bhith a' mothachadh gu bheil cuid de dhaoine 's dòcha mì-chinnteach dè dìreach a tha a' bhuidheann a' dèanamh," mhìnich Pàdruig Moireasdan air Aithris na Maidne Dimàirt.
"Tha cuid a' smaointinn 's dòcha gun do dh'fhalbh an t-aonadh is chan eil iad cinnteach dìreach dè tha caidreachas a' ciallachadh dhaibh fhèin.
"Tha sinn a' smaoineachadh anns an là an-diugh agus a' dol air adhart agus dha na buill againn gum biodh an t-ainm aonadh a' ciallachadh gum biodh sin nas soilleire a thaobh na tha sinn a' dèanamh."
Buill ùra do Chaidreachas Croitearachd na h-Alba
- Air fhoillseachadh30 An Lùnastal 2024
Comhairle do chroitearan air gnothachasan beaga bìdh a thòiseachadh
- Air fhoillseachadh22 An t-Sultain
Croitearan mì-thoilichte mu na fhuair iad de thaic-airgid ùr bhon riaghaltas
- Air fhoillseachadh4 An t-Samhain 2025
Ma bhios taic ann dhan phlana oidhche Mhàirt thèid iarrtas a chur gu Companies House is buidheann-riaghlaidh nan cathrannasan, an OSCR, airson ainm na buidhne atharrachadh.
Thuirt Mgr Moireasdan gum biodh iad cuideachd 'son dearbhadh nach toireadh atharrachadh sam bith buaidh air maoineachadh na buidhne.
Tha e ag ràdh nach eil dad a dhùil aca an obair fhèin atharrachadh idir.
"Tha sinn a' dèanamh obair trèanaidh is gnothaichean mar sin ach cuideachd tha tòrr obair poileasaidh agus a' bruidhinn ris an riaghaltas agus a' riochdachadh chroitearan ris a' mhinistear.
"Sin an seòrsa obrach a bhiodh aonadh a' dèanamh co-dhiù.
"Mar sin chan e atharrachadh a bhiodh ann air an obair ach soillearachadh a thaobh amasan na buidhne do bhuill is do chroitearan".