Rannsachadh mun Kilda air tòiseachadh is bàta air a lorg letheach fodha far Arcaibh

- Air fhoillseachadh
Thuirt Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB) gu bheil iad air làn-rannsachadh a thòiseachadh air call an Kilda, às dèidh mar a chaidh soitheach a lorg letheach fodha sa mhuir far Arcaibh.
Dhearbh Buidheann na Mara is nam Maor-Cladaich (MCA) oidhche Chiadain gun deach soitheach, air nach deach aithne fhoirmeil a dhèanamh, a lorg gu sear air Arcaibh.
Thuirt neach-labhairt bhon MCA gun d' fhuair iad aithris mun bhàta mu 10:30m Diciadain.
Thuirt iad gun deach itealan nam maor-cladaich a chur chun na làraich is gun do dhearbh iad gum faca iad an soitheach is nach robh iomairt cobhair a dhìth.
Thàinig seo mìos às dèidh dhan bhàta-iasgaich an Kilda a dhol a dhìth far Leòdhais.

Bha Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tam Moireach air a bhith ag iasgach far chosta tuath Leòdhais
Thuirt an MAIB ann am brath ùr Diardaoin:
"Tha an MAIB air rannsachadh fhosgladh air call traidsigeach an Kilda agus a criutha.
"Tha sinn air fios fhaighinn gun deach soitheach a lorg letheach fodha agus tha sinn a' trusadh fiosrachaidh feuch dè na h-ath cheumannan againn."
Thathar a' toirt rabhadh do bhàtaichean cumail air falbh bhon sgìre gu sear air Arcaibh far an deach am bàta a lorg, agus thathar a' dèanamh measaidh air truailleadh sam bith a dh'fhaodadh a bhith ann.
Tha an MCA ag obair còmhla ri compàirtichean a thaobh am bàta a thoirt às an uisge.
Tha fios gun robh an Kilda le triùir air bòrd air a bhith ag obair faisg air Port Nis Dimàirt an 13mh den Dàmhair.
Call an Kilda is an triùir air bòrd innte a' fàgail "cridhe trom aig a h-uile duine"
- Air fhoillseachadh21 An Dàmhair
Cha do lorgadh càil bhon Kilda san sgrùdadh às ùr air a son far chosta Nis
- Air fhoillseachadh4 An t-Samhain
Ràth-sàbhalaidh bhon Kilda air tighinn air tìr ann an Sealtainn
- Air fhoillseachadh5 An t-Samhain
Fhuaireadh corp Douglas Craigie, 49, an uairean beaga na maidne an ath là ach tha Tam Moireach, 40, agus Murchadh Moireasdan, 23, fhathast gun an lorg.
Rinneadh iomairt mhòr agus sgrùdaidhean mionaideach air dà làraich shònraichte eadar Port Nis agus Rubha Robhanais bho chionn cola-deug ach cha do lorgadh càil bhon Kilda.
Thàinig an ràth-sàbhalaidh aice air tìr ann an Sealtainn còrr is cola-deug an dèidh na tubaiste.
Chaidh an soitheach a lorg ann an West Burrafirth, 206 mìle air falbh bho Phort Nis.