An Kilda air ais air tìr ann an Arcaibh

- Air fhoillseachadh
Chaidh bàta-iasgaich an Kilda a chaidh a dhìth far chosta Leòdhais a thoirt gu tìr ann an Arcaibh oidhche Ardaoin.
Thàinig seo an dèidh iomairt mhòir leis na poilis, na maoir-chladaich agus luchd-eòlais.
Chaidh an Kilda a dhìth air 13mh là den Dàmhair agus i air a bhith ag iasgach faisg air Rubha Robhanais le triùir chriutha air bòrd.
Fhuaireadh corp Douglas Craigie, 49, an uairean beaga na maidne an ath là ach tha Tam Moireach, 40, agus Murchadh Moireasdan, 23, fhathast gun an lorg.
Chaidh slige an t-soithich fhaicinn mu 50 mìle far chosta Arcaibh Diciadain agus lean iomairt Diardaoin gus a toirt gu tìr.
Beagan ro mheadhan-oidhche, chaidh a toirt a-steach gu Baile na h-Eaglaise.

Thathas a' tuigsinn a-nis gun tèid làn-rannsachadh a dhèanamh air a' bhàta.
Dhearbh Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB) Diardaoin gu bheil iad air làn-rannsachadh a thòiseachadh air call an Kilda.
Rinneadh iomairt mhòr agus sgrùdaidhean mionaideach air dà làraich shònraichte eadar Port Nis agus Rubha Robhanais bho chionn cola-deug ach cha do lorgadh càil bhon Kilda.
Thàinig an ràth-sàbhalaidh aice air tìr ann an Sealtainn còrr is cola-deug an dèidh na tubaiste.
- Air fhoillseachadhBho chionn 20 uair

- Air fhoillseachadh4 An t-Samhain

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An t-Samhain
