Tha luaidh ga dhèanamh air Mairead Ros a bha am measg na stèidhich Fir Chlis

Boireannach le falt cùrlach donn le stoc pinc agus gorm mu a h-amhaich agus lèine phinc oirre
  • Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air Mairead Ros, tè de na stèidhich a' chiad chompanaidh dràma Ghàidhlig, Fir Chlis, agus i air caochladh aig aois 93.

'S ann à Gleann Dail san Eilean Sgitheanach a bha Mairead agus cha bheag an obair a rinn i mus deach i an sàs ann an tèatar.

Thòisich i ag obair na nurs ann an Lunnainn mus to thill i dhan Eilean Sgitheanach.

Chaidh i an uair sin a Bhristol airson dràma ionnsachadh aig an tèatar ainmeil an Old Vic.

'S i Mairead a' chiad stiùiriche air Fir Chlis, buidheann a thug còmhla cleasaichean òga airson dealbhan-cluiche sa Ghàidhlig a chur air an àrd-ùrlar.

Bha Màiri Sìne Chaimbeul leis a' bhuidhinn bliadhna gu leth, agus cuimhne aice gun robh Mairead a' cumail ceann a' mhaide leotha.

Thuirt i: "Bha i airson agus gum biodh sinn cho proifeasanta 's a ghabhadh is gum biodh sinn aig inbhe cheart air an àrd-ùrlar."

"Dìcheallach is dripeil"

Tha Màiri Sine ag ràdh gun robh i airson sealltainn gum b' urrainn do thèatar Gàidhlig dèiligeadh ri cuspairean domhain is doirbh.

"Bha i math airson daoine a bhrosnachadh agus toirt orra smaoineachadh a dhèanamh aig àrd-ìre agus a bhith a cheart cho math ri muinntir na Beurla," thuirt i.

Tha cuimhne aig cleasaiche eile, Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn, air Mairead "mar bhoireannach air leth" agus "cho dìchealleach agus dripeil ge bith dè bha i a' dèanamh".

Thuirt e: "'S e creatair a bh' innte a bha daonnan ag ionnsachadh rudeigin ùr."

'S i Mairead cuideachd am preasaintear a bh' air a' phrògram Ghàidhlig do luchd-ionnsachaidh "Can Seo".

Chuir i ùine seachad cuideachd a' teagasg phreasantairean telebhisein ann an Singapore mus do thill i a dh'Alba.

Bhàsaich i na dachaigh ann an Dùn Èideann.