Barrachd smàladairean a dhìth a chùm seasmhachd stèiseanan nan Eilean Siar

Sreath de dhusan luchd-smàlaidh nan seasamh sna deiseachan aca taobh a-muigh stèisein le dà charbad-smàlaidh na bhroinnTùs an deilbh, SFRS
  • Air fhoillseachadh

Dh'iarr Seirbheis Teasairginn is Smàlaidh na h-Alba (SFRS) air daoine thighinn a dh'obair dhaibh, agus sgrùdadh a' sealltainn gun robh dìth chriutha a' fàgail nach b' urrainn do chuid de stèiseanan sna h-Eileanan an Iar gairm-èiginn a fhreagairt.

Tha seo a rèir aithisg a rinn SRFS, taobh a-muigh air suidheachadh nan stèiseanan sna sia mìosan a dh'fhalbh agus air an robh Bòrd Sàbhailteachd na Coimhearsnachd aig Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh Diciadain.

Fhuair e nach robh an carbad-smàlaidh am Beàrnaraigh Leòdhais ri fhaotainn ach airson a' chòigeamh cuid den ùine eadar an Giblean agus an t-Sultain, ged a bha e ri fhaotainn 60% den ùine sna sia mìosan ron sin.

Bha lùghdachadh cuideachd air comasachd charbadan-smàlaidh a bhith air an gairm a-mach ann an Siabost, Barraigh agus Loch Baghasdail cuideachd.

Ge-tà, thuirt an aithisg gun tàinig piseach air deisealachd nan criuthaichean ionadail an Loch nam Madadh, Ceann a' Bhàigh agus Sgalpaigh.

Tha an t-seirbheis-smàlaidh an sgìrean dùthchail an eisimeil smàladairean pàirt-ùine a tha deònach is deiseil a bhith a' freagairt ghairmean-èiginn.

Mar sin dheth, tha an SFRS ag ràdh gu bheil fastadh dhaoine na phrìomhachas dhaibh airson dèanamh cinnteach gum bi "stèiseanan air feadh nan eilean seasmhach, agus dèiseil nuair a tha sin a dhìth".

Tha 16 carbadan-smàlaidh ann an 14 stèiseanan sna h-Eileanan an Iar, le 130 duine a th' air an trèanadh airson dèiligeadh ri gairmean-èiginn agus a gheibh pàigheadh dha rèir.

Tha an t-seirbheis a' crochadh air daoine sa choimhearsnachd a nì an obair sin.

Thuirt an SFRS gu bheil e fhathast na dhùbhlan dhaibh daoine gu leòr a chumail ann an sgìrean dùthchail agus sna h-eileanan, far a bheil obair neo dleastanasan eile aca.

Ge-tà, thuirt iad gu bheil barrachd dhaoine sna h-Eileanan an Iar an taca ri sgìrean eile na dùthcha nas deònaiche san fharsaingeachd iad fhèin a chur air adhart airson a bhith ag obair dhaibh agus "coinneachadh ri feumalachdan nan coimhearsnachdan aca".

Dh'iarr iad air eileanaich cur a-steach airson na h-obrach fiù 's mura h-eil iad air a bhith soirbheachail roimhe.