Dòchas gun tèid FtMG a stèidheachadh am Meadhan Earra-Ghàidheal

Raonaid Dunsmore
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Raonaid Dunsmore ag ràdh gu bheil ùidh mhòr ann am FtMG mun cuairt air Ceann Loch Gilb

  • Air fhoillseachadh

Tha pàrantan ann am Meadhan Earra-Ghàidheal air iomairt a thòiseachadh airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh san sgìre.

Chaidh iarrtas a chur gu Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid is pàrantan ag ràdh gu bheil fianais aca air còrr is 20 pàiste nach do thòisich sa bhun-sgoil fhathast a rachadh gu FtMG.

Bhiodh sianar dhiubh sin sa bhliadhna-sgoile ri thighinn.

'S e pàrantan ann an sgìre Cheann Loch Gilb a tha air cùl na h-iomairt.

An-dràsta tha foghlam tron Ghàidhlig ann an tìr-mòr Earra-Ghàidheal san Òban, san Appain agus an sgìre Dhùn Omhain.

Sin a thuilleadh air aonadan ann an Ìle, Muile is Tiriodh.

Tha an fheadhainn air cùl na h-iomairt ùire ag ràdh gu bheil e follaiseach gu bheil iarrtas ann am Meadhan Earra-Ghàidheal cuideachd.

"Nuair a thòisich mi a' coimhead ri seo an toiseach cha robh ann ach mi fhìn," thuirt tè de na pàrantan, Raonaid Dunsmore.

"Mar as motha bha mi a' bruidhinn air agus a' cleachdadh Gàidhlig timcheall air daoine, 's ann a bha iad ag ràdh gum biodh iad fhèin 'son Gàidhlig ionnsachadh, gun robh Gàidhlig air a bhith san teaghlach aca, is gum bu chòir Gàidhlig a bhith aig a' chloinn.

"Bha mi a' faireachdainn gun robh ùidh cho làidir sa choimhearsnachd is gum bu chòir dhuinn iarrtas a chur a-steach."

Thuirt Raonaid gun do chuir na h-àireamhan a tha air ùidh a shealltainn ann am FtMG gu h-oifigeil iongnadh oirre.

Mhìnich i gu bheil barrachd phàrantan air tighinn air adhart bho chaidh an tagradh a-steach gu Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Angela Bhochanan
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Angela Bhochanan airson is gum bi cothrom air FtMG aig a mac

'S ann à Meadhan Earra-Ghàidheal a tha Angela Bhochanan is tha Gàidhlig aice.

"Tha mi a' faicinn gu bheil Gàidhlig a' fàs agus tha mi ag iarraidh gum fàs i san àite agam fhìn.

"Tha mi ag iarraidh gum bi a' Ghàidhlig aig a' ghille bheag agam."

Thèid an t-iarrtas air beulaibh Comataidh nan Seirbheisean Coimhearsnachd aig Seirbheisean Earra-Ghàidheal is Bhòid Diardaoin.

Tha an aithisg, taobh a-muigh ag ràdh gun tèid làn measadh a dhèanamh a-nise air an iarrtas.

Rachadh toradh a' mheasaidh sin air beulaibh na comataidh san Dùbhlachd 'son beachdachadh am bu chòir FtMG a stèidheachadh ann am Meadhan Earra-Ghàidheal.