Duilgheadas fastaidh a' cur maill air FtMG an Loch Àlainn

Bun-sgoil Loch Àlainn
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad a' leantainn orra le oidhirp gus làn Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann am Bun-sgoil Loch Àlainn, a dh'aindeoin duilgheadas le tidsear fhastadh.

Bha an t-ùghdarras ionadail air iarrtas fhaighinn bho phàrantan bho thùs san t-Samhain 2023.

Às dèidh dhaibh measadh a dhèanamh, dh'aontaich a' chomhairle FtMG a chur air dòigh san sgoil bhon Lùnastal 2025.

Ged a tha a' chomhairle ag ràdh gu bheil triùir sgoilearan eadar P1 is P2 a-nise ann am FtMG ann an Loch Àlainn, thuirt iad nach deach aca air tidsear fhastadh fhathast, a dh'aindeoin is gun deach "sreath de shanasan" a-mach.

Tha aithisg a thèid air beulaibh Comataidh na Gàidhlig an ath-sheachdain, taobh a-muigh ag ràdh gu bheil seo "na dhùbhlan mòr" a thaobh FtMG a thoirt seachad.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil sgioba-stiùiridh Bun-sgoil Àth Tharracail, far an deach FtMG a stèidheachadh roimhe, air a bhith a' cumail taic ris an oidhirp aonad a chur air dòigh ann an Loch Àlainn.

Tha clann Loch Àlainn air a bhith a' faighinn Gàidhlig bho thidsearan-ionaid FtMG a tha ag obair san sgoil pàirt-ùine, a thuilleadh air taic bho sgioba thràth-bhliadhnaichean na comhairle is pàrantan le Gàidhlig, tursan a dh'aonad Gàidhlig Àth Tharracail, is ionnsachadh air-loidhne.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil na ceumanan seo a' sealltainn mar a tha iad a' feuchainn ri FtMG maireannach a chur air dòigh.

Tha a' chomhairle ag ràdh gum bi oifigich is ceannard na sgoile a' coinneachadh ri pàrantan gu cunbhalach gus fios a chumail riutha a thaobh mar a tha a' dol leis an oidhirp tidsear fhastadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo