Ath-sgrùdadh air sgìrean gabhail dà acadamaidh an Inbhir Nis

Tha Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis 92% làn, fhad 's a tha Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' cur thairis aig 103% làn
- Air fhoillseachadh
Tha oifigich foghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh ath-sgrùdadh a dhèanamh air sgìrean gabhail dà àrd-sgoil ann an Inbhir Nis agus na bun-sgoiltean a tha ceangailte riutha.
Tha barrachd sgoilearan an-dràsta ann an Acadamaidh Allt a' Mhuilinn na ghabhas i gu h-oifigeil (103% làn), agus chan eil mòran rùm air fhàgail aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis (92% làn).
Tha aithisg a rinneadh do Chomataidh an Fhoghlaim ag ràdh gun deach dragh a thogail gu h-àraid mu sgìrean an Tuilm agus Loch Àrdail.
Sheall na figearan airson Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis suidheachadh eadar-dhealaichte seach mar a tha aig Àrd-Sgoil Inbhir Nis, a tha dìreach 72% làn.
Bidh an t-ath-sgrùdadh air sgìrean gabhail an dà acadamaidh a' coimhead ri factaran leithid na thathas an dùil a bhios a' tighinn a-steach de sgoilearan sna bliadhnaichean a tha romhainn, leasachaidhean taigheadais a th' air fàire, pàtrain siubhail agus ceanglaichean coimhearsnachd.
Bheir e beachd cuideachd air co-dhiù tha rudan nàdarra leithid Abhainn Nis nan crìochan feumail do sgìrean gabhail sgoile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 An Dùbhlachd 2025

- Air fhoillseachadh2 An Dùbhlachd 2025
