Luchd-còmhnaidh air gluasad a-mach à Blàr Buidhe

- Air fhoillseachadh
Chaidh a h-uile duine den luchd-còmhnaidh aig dachaigh-cùraim Blàr Buidhe ann an Steòrnabhagh a ghluasad a-mach gu dachaigh ùr aig Bremner Court sa bhaile.
Dh'innis a' chompanaidh a bha ga ruith, HC-One, san t-Sultain an-uiridh gum biodh iad a' dùnadh an dà chuid Blàr Buidhe agus agus dachaigh Moss Park sa Ghearasdan.
Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar leis a' chompanaidh gum fuiricheadh Blàr Buidhe fosgailte ge-tà, gus am biodh a h-uile duine den luchd-còmhnaidh air dachaigh ùr fhaighinn.
Tha an t-ùghdarras ionadail a-nise air dearbhadh gu bheil sin air tachairt.
Seirbheisean-cùraim "ann an èiginn agus a' dol am miosad"
- Air fhoillseachadh19 An t-Sultain 2024
'Chan fhaodar leigeil le Moss Park tachairt a-rithist'
- Air fhoillseachadh4 An Giblean 2025
£60m is dachaighean-cùraim ùra gan iàrraidh 'son dèiligeadh ri "èiginn a' chùraim"
- Air fhoillseachadh2 An Giblean 2025
Thug Àrd-oidfigear Cùram Coimhearsnachd CnES, Emma NicSuain, taing dhan luchd-còmhnaidh, an teaghlaichean agus an luchd-obrach airson "am foighidinn agus an tuigse tro àm a bha doirbh is mì-chinnteach".
Chaidh luchd-obrach Blàr Buidhe a ghluasad gu Bremner Court còmha ris an luchd-còmhnaidh.
Bha ùpraid ann an Loch Abar nuair a dh'fhoillsich HC-One na planaichean aca 'son Moss Park a dhùnadh.
Air a' cheann thall dh'aontaich NHS na Gàidhealtachd is Comhairle na Gàidhealtachd an dachaigh a ghabhail thairis is a chumail fosgailte.