SpongeBob agus Bluey a' tighinn gu BBC ALBA

Spongebob agus a charaid PàdraigTùs an deilbh, Nickelodeon
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh SpongeBob Square Pants a shealltainn son a' chiad uair ann an 1999 air an t-seanail Nickolodeon sna Stàitean Aonaichte

  • Air fhoillseachadh

Tha feadhainn de na prògraman cloinne as ainmeil a th' ann a' tighinn gu BBC ALBA sna mìosan ri thighinn.

Tha am prògram Aimeireaganach Spongebob Squarepants - mu spong buidhe a tha a' fuireach fon mhuir - mar-thà ri fhaicinn air an t-seanail agus air iPlayer a' BhBC.

Ro dheireadh na bliadhna, bidh am prògram Astràilianach Bluey agus an cartùn stèidhichte air leabhar Julia Donaldson, Zog, cuideachd a' nochdadh.

Thèid sreath ùr Gàidhlig de Peppa Pig cuideachd a shealltainn.

Tha an t-seanail ag ràdh gu bheil mar a tha cartùnaichean a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta a' tighinn gu BBC ALBA a' toirt cothrom do Ghàidheil òga an cànan a chluinntinn tro charactaran air a bheil daoine òga dèidheil air feadh an t-saoghail.

An cù Bluey agus a teaghlachTùs an deilbh, Ludo Studio
Fo-thiotal an deilbh,

Nochdaidh Bluey air BBC ALBA airson a' chiad uair air a' mhìos seo

Thuirt Rachel NicAoidh, Leas-Choimiseanair Deasaiche aig MG ALBA: : "Nuair a tha thu a' faicinn charactaran leithid SpongeBob, Bluey, Zog agus Peppa rim faotainn sa Ghàidhlig, 's e dòigh mhìorbhaileach a th' ann airson an cànan a thoirt gu aire dhaoine agus sealltainn do chlann gum buin a' Ghàidhlig ris a h-uile seòrsa de stòiridh agus dibhearsan."

Am measg nan cleasaichean òga a tha a' nochdadh sna prògraman tha Fionnlagh Moireasdan (Spongebob Squarepants), Claire Frances NicNìll (Bluey), agus Màiri NicÌosag (Peppa).

Bidh cartùn Gàidhlig eile air an t-seanail sa Gheamradh, agus The Baddies, stèidhichte air an leabhar aig Julia Donaldson agus Axel Scheffler, mar phàirt de chlàr na Nollaige.