Stòras a' sireadh bòrd "le lèirsinn, ciall is deòin a bhith ag obair còmhla"

Tha dòchas ann gum bi làithean nas fheàrr ron bhuidhinn choimhearsnachd a tha an urra ri Oighreachd Uibhist a Deas
- Air fhoillseachadh
Tha Stòras Uibhist air AGM a ghairm is iad ag ràdh gu bheil iad a' sireadh thagraichean airson a' Bhùird Stiùiridh "airson 's gun soirbhich iad tro cheannas làidir, riaghladh ceart agus co-obrachadh".
Thathar an dòchas gu bheil linn ùr air fàire do Shealladh na Beinne Mòire, companaidh pàraint an uachdarain phoblaich, an dèidh buaireadh fad mhìosan a chuir cha mhòr stad air obair na buidhne.
Dh'adhbhraich eas-aonta eadar stiùirichean gun deach dreuchdan fhàgail bàn, bha aithisg a thog air riaghladh "dìreach uabhasach" is casaidean de bhurraidheachd is mì-thuigse mu dhleastanasan, bha tuath-gaoithe na buidhne gun àrachas is na thàmh, agus bha cunntasan air dheireadh.
Air a' cheann thall bhòt ballrachd Stòras Uibhist gu làidir aig EGM sa Ghiblean airson bòrd ùr eadar-amail a chur os cionn na buidhne.
Taic làidir 'son slighe ùr do Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh30 An Giblean
Cathraiche ùr misneachail gun urrainn dha Stòras Uibhist gluasad air adhart
- Air fhoillseachadh1 An Cèitean
Bha taic làidir ann cuideachd 'son rùn a chuir uallach air a' bhòrd ùr Stòras a ruith gu h-eadar-amail, structar na buidhne a dhèanamh nas proifeiseanta, agus AGM a chur air dòigh an ceann ùine airson stiùirichean ùra a thaghadh.
Bidh taghadh ann a-nise airson bòrd ùr aig Coinneamh Bhliadhnail Sealladh na Beinne Mòire air an 17mh den t-Samhain.
Thuirt an cathraiche an Comh Pòl Steele: "Tha sinn a' coimhead airson stiùirichean aig a bheil lèirsinn, dealas, ciall agus dèoin a bhith ag obair còmhla.
"Tha sinn feumach air daoine a tha deònach a bhith ag èisteachd, spèis a thoirt do bheachdan diofraichte agus a bhith ag obair a chùm maith na companaidh agus na coimhearsnachd."
Stòras Uibhist: A' dol air adhart còmhla?
- Air fhoillseachadh27 An Giblean
EGM Stòras Uibhist: dè tha a' tachairt a-nochd?
- Air fhoillseachadh30 An Giblean
Thuirt Sealladh na Beinne Mòire gu bheil iad ag iarraidh air tagraichean mìneachadh sgrìobhte ullachadh ro làimh air mar a bheireadh iad a' bhuidheann air adhart a rèir a cuid amasan.
Sgaoilidh iad am fiosrachadh sin am meag na ballrachd mus tèid am bhòt a chumail aig an AGM.
Tha suas gu 4.00f Diluain an 19mh den Dàmhair aig buill an ainmean a chur air adhart airson na h-obrach.