Bun-sgoil Steòrnabhaigh gun talla-spòrs ùr an dèidh strì 15 bliadhna

Togalach buidhe le tùr, feansa fiodha agus pàirc feòir uaine.
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich pàrantan a' gearan nach robh goireasan spòrs na sgoile aig ìre bho chionn 15 bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Tha pàrantan aig Bun-sgoil Steòrnabhaigh le briseadh-dùil nach eil goireasan spòrs ùra air fàire aca mar a bha iad an dùil an dèidh iomairt a thòisich iad bho chionn 15 bliadhna.

Ged a chaidh buidseat aontachadh agus cùmhnant a thoirt seachad cha d' fhuair a' chompanaidh à Canada barantas-togail a' cur dàil às ùr air a' phròiseact.

Thuirt an Comh Gòrdan Moireach a tha a' riochdachadh uàrd SteòrnabhaIgh agus a tha cuideachd na phàrant: "Tha coimhearsnachd na sgoile agus pàrantan air an sàrachadh le cho fada 's a tha seo a' toirt."

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh ge-tà, gu bheil am maoineachadh a gheall iad fhathast air a' bhòrd agus gum bi deasbad ann mu mar a ghabhas am pròiseact a thoirt air adhart.

Fear maol le fiamh-gàire air aodann ann an deise dorcha le lèine ghorm agus taidh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Leas-cheannard Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil am maoineachadh fhathast air a' bhòrd

Bha toileachas ann nuair a dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar a dhol air adhart leis a' phròiseact airson talla-spòrs ùr aig Bun-sgoil Steòrnabhaigh ann an 2021 le buidseat £1.8m a chaidh suas gu £2m ann an 2022.

An dèidh tagraidhean fhaighinn bho luchd-togail a bha fada os cionn a' bhuidseit, b' fheudar comhairlichean gabhail ri plana airson togalach nas lugha a chosgadh mu £2.35m

Ge-tà, thàinig e am follais bho chionn ghoirid nach d' fhuair an cùmhnantair Canadianach barantas-togail a' ciallachadh gu bheil dàil às ùr air a' phròiseact.

Thuirt Leas-cheannard CnES, Donnchadh MacAonghais: "Bha iadsan ag ràdh gun robh a h-uile càil a rèir nan riaghailtean a bhathar a' feumachdainn agus 's dòcha gun robh a rèir nan riaghailtean thall acasan."

Tha e coltach gu bheil an teine a rinn sgrios air Tùr Grenfell ann an 2017 a' fàgail gu bheil riaghailtean nas teinne a thaobh a bhith a' togail san là a th' ann.

Boireannach le falt fada ruadh, speuclairean, geansaidh pinc na suidhe air being
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Marie Duke ag ràdh gum bu chòir goireasan nas fheàrr a bhith ann agus "na h-uiread de chuideam ga chur air slàinte òigridh"

'S e Bun-sgoil Steòrnabhaigh an tè as motha sna h-Eileanan an Iar le còrr is 400 sgoilear innte bho ìre na sgoile-àraich gu Clas 7.

Tha Marie Duke, aig a bheil ceathrar bhalach a fhuair foghlam san sgoil, ag ràdh gu bheil e doirbh a chreidsinn nach eil goireasan nas fheàrr "aig prìomh-bhaile Leòdhais gu h-àraid aig àm far a bheil na h-uiread de chuideam ga chur air slàinte òigridh".

"Tha mi a' tuigsinn gur e "suidheachadh doirbh a th' ann dhan sgoil agus dhan chomhairle. Aig a' cheart àm, bu chòir goireasan spòrs a bhith rim faighinn a tha freagarrach do bhun-sgoiltean aig gach ìre," thuirt i.

Beachdaichidh an ath-choinneamh de Chomataidh an Fhoghlaim air molaidhean oifigearan air dè bu chòir tachairt a-nis.

Aig a' cheart àm, thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air togalaichean sgoile sna h-Eileanan an Iar air fad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo