Naidheachdan 11:00m
Israel
Tha ùine de shàmhchair air feadh Israel mar chuimhne air trì bliadhna an-diugh bho ionnsaighean Hamas air an dùthaich air an t-7mh là den Dàmhair. Chaidh mu 1,200 duine a mharbhadh nuair a bhrist Hamas agus buidhnean eile a-staigh air Israel bho Ghàsa.
Am Post Rìoghail
Dh'innis am Post Rìoghail gu bheil iad an dùil cho mòr ri 2,500 cosnadh a ghearardh ro dheireadh na h-ath-bhliadhna. Thuirt a' chompanaidh nach eil iad a' dèiligeadh ri faisg uimhir de litrichean ach gu bheil iarrtas nas motha ann 'son seirbheis pharasailean nas luaithe.
An Ucràin
Chaill 15 daoine am beatha ann an ionnsaighean Ruiseanach air an Ucràin a-raoir. Chaidh naoinear dhiubh sin a mharbhadh nuair a bhuail urchair ann an togalach ann am baile Pryluky, an ear air Kyiv.
An Cuan a Tuath
Thuirt ceannard companaidh ola na stàite anns an Nirribhidh nach cuir iad an còrr airgid ris a' Chuan a Tuath mura toir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead le cinnt do dhà raon ola agus gas ùr. 'S ann le Equinor a tha pàirt de raointean Rosebank agus Jackdaw agus thuirt an t-àrd-oifigeach, Anders Opedal, gum feum Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a bhith ciallach mun chùis.
Sgeama Taic-siubhail nan Euslainteach
Tha feadhainn ann an Uibhist ag ràdh gur e briseadh-dùil a th' ann nach tàinig fios fhathast bho sgrùdadh air Sgeama Taic-siubhail nan Euslainteach air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan. Dh'iarr Ball nan Eilean Siar aig Holyrood, Dòmhnall MacFhionghain, ath-sgrùdadh air an taic £60 gach oidhche do dhuine a dh'fheumas a bhith san ospadal astar bhon dachaigh. Chuir Riaghaltas na h-Alba romhpa ath-sgrùdadh a dhèanamh ach thuirt Ministear a' Chùraim Choimhearsnachd, Alison Thewliss, nach eil fios cuin a bhios sin dèanta.
Seirbheis aiseig Cheann Loch Chille Chiarain
Tha mì-thoileachas ann le co-dhùnadh Chaledonain Mhic a' Bhriuthainn maill airson bliadhna eile a a chur ann an seirbheis aiseig Cheann Loch Chille Chiarain. Bha dùil gun tòisicheadh i sin a-rithist air an t-samhradh an ath-bhliadhna an dèidh dhi sguir ann an 2022 le trioblaidean nas fharsainge air feadh lìonra ChalMac. Tha comataidh luchd-cleachdaidh nan aiseagan san sgìre ag iarraidh coinneimh le Riaghaltas na h-Alba mun chùis.
Bun-sgoil Steòrnabhaigh
Tha briseadh-dùil eile aig pàrantan agus sgoilearan aig Bun-sgoil Steòrnabhaigh an deidh 15 bliadhna a bhith ag iomairt airson goireas spòrs aig an sgoil. Ged a chaidh aontachadh bho chionn còig bliadhna a dhol air adhart le sin tha e air tighinn am follais a-niste nach deach barantas-togail a thoirt seachad airson na h-obrach.