Tha òrain ùra cudromach airson a' Ghàidhlig "àbhaisteachadh"

'S ann às na Hearadh a tha Isla agus thòisich i a' sgrìobhadh òrain san àrd-sgoil
- Air fhoillseachadh
Na deugaire sna Hearadh, 's i ag èisteachd ri leithid Phoebe Bridgers agus Taylor Swift, cha robh Isla Scott riamh a' smaoineachadh gum b' urrainn dreuchd a bhith aice mar sheinneadair-sgrìobhaiche.
Ach sin a-nis an t-slighe air a bheil i - 's i a' sgrìobhadh 's a' foillseachadh nan òran aice fhèin, an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.
"Nuair a bha mi a' fàs suas, cha robh mòran òrain ùra air a bhith air an sgrìobhadh ann an saoghal ceòl na Gàidhlig," thuirt i.
"Mar sin, bha mi caran airson a' bheàrn sin a lìonadh."

Tha Isla air a bhith a' farpais agus a' soirbheachadh aig Mòdan bho bha i na nighean bheag
Sna bliadhnaichean bhon uairsin, tha i a' faicinn adhartais le barrachd misneachd aig daoine òrain ùra a dhèanamh sa Ghàidhlig.
Na beachdsa, tha "rudeigin ann dhan a h-uile duine" san là an-diugh agus tha i ag ràdh gur e na cothroman a tha gan tabhann tro leithid Mòdan, fèisean agus diofar phròiseactan as coireach.
Dhìthse, tha na h-òrain ùra seo cudromach airson a' Ghàidhlig a dhèanamh nas àbhaistiche.
Thuirt i: "Ma tha òran agamsa agus tha thu ag èisteachd ris airson trì mionaidean, sin fhathast seòrsa de bhogadh ann an Gàidhlig ann an dòigh a tha nàdarra agus nach eil cho foirmeil sin.
"Tha mi a' smaoineachadh an rud leis a' Ghàidhlig, tha e uaireannan a' faireachdainn mar gum feum thu a bhith ga cleachdadh ann an dòigh fhoirmeil.
"Cha bu chòir dhan sin a bhith a' tachairt. Bu chòir dha a bhith a' faireachdainn nàdarra agus mar chànan làitheil."
Gabh Ceum Air Ais na chiad cheum do cheòl Gàidhlig nu-metal
- Air fhoillseachadh23 An Dàmhair
A’ chiad sheinneadair ‘Metalcore’ sa Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh6 An t-Ògmhios 2024
Òran ùr Gàidhlig a' cur Fo-Chanabhas 2026 air chois
- Air fhoillseachadh10 An t-Iuchar
Chan e ceòl ùr uireas a th' air aire Isla agus i a' dèanamh ceum ann an ceòl traidiseanta aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba.
Chaidh a togail le òrain thraidiseanta na Gàidhlig agus tha seinn agus sgrìobhadh san teaghlach.
Tha a seanair, Iain Murchadh Moireasdan, ainichte airson a bhith a' seinn agus 's e a bhràthair, Murchadh Moireasdan, a rinn an t-òran ainmeil, A Nìghneag a Ghràidh.
A dh'aindeoin 's gu bheil i a' seinn nan òran aice fhèin, tha Isla fhathast a' cur luach mòr sna seann fheadhainn agus sheinn i ann am farpais an t-sean nòis aig Mòd na bliadhna ann an Glaschu.
"Nam bheachdsa, tha e a cheart cho cudromach an cumail beò.
"Tha mi airson 's gum bi cothrom agam an dà chuid a leasachadh aig an aon àm.
"Tha na sean òrain gu math, gu math cudromach 's chanainn gu bheil cothrom ann an togail suas agus a bhith a' sgrìobhadh nan òran ùra cuideachd."

Tha seanair Isla ainichte airson a bhith a' seinn sa Ghàidhlig agus chaidh a togail le òrain thraidiseanta
Tha Isla air a bhith trang sna bliadhnaichean mu dheireadh agus i air a bhith a' seinn aig diofar fhèisean-ciùil leithid HebCelt, Fo-Chanabhas agus Belladrum.
Am-bliadhna, fhuair i cothrom aon dhe na h-òrain a rinn i fhèin a sheinn sna Barrowlands ann an Glaschu, còmhla ris a' chòmhlan Valtos.
"Na cuirmean a tha mi air a bhith a' dèanamh - tha e dìreach craicte far a bheil sin air mo thoirt," thuirt i.
"Cha shaoileadh tu riamh gum biodh a' Ghàidhlig air sin a thoirt dhut.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin dìreach a' sealltainn cho fad 's as urrainn dhan chànan 's na cothroman seo do thoirt."