"Break their legs...smash their clubs....trip them up"air fhoillseachadh aig 12:51 TSB 19 An t-Sultain
Chan e sin idir a tha san amharc againn dhuibh an-diugh!
Ach bha na beachdan seo, a rèir choltais, am measg na chualas bho luchd-taice aig geama mòr iomain eadar Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh air ais ann an 1888.
'S iomadh turas a chluich fuamhairean Bhàideanach bhon uairsin agus 's iomadh sàr gheama a thug iad dhuinn (agus beagan aimhreit aig amannan cuideachd).
Tha a' chaibideil as ùire anns an stòiridh fhada gu bhith ann feasgar an-diugh is na sgiobaidhean a' coinneachadh aig Pàirc Mossfield airson na duais as motha ann an iomain nam fear - Cupa na Camanachd.
Bidh gach buille às an Òban againn dhuibh tron fheasgar beò an seo fhèin.

Geama iomain ann am Baideanach anns na 1880an. Dealbh bho CJB Mac a' Phearsain bhon leabhar aig Rosemary Gibson
