Geàrr-chunntas

  • Tha Ceann a' Ghiùthsaich air Cupa na Camanachd a bhuannachadh aig Pàirc Mossfield

  • Chrìochnaich a' chuairt dheireannach an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh 2-1

  • 'S e Struan Ros a chuir a' chiad tadhal dhan Bhaile Ùr às dèidh còig mionaidean

  • Fhreagair Ruairidh MacAnndrais do Cheann a' Ghiùthsaich às dèidh 72 mionaidean

  • 'S e MacAnndrais an uairsin a chuir Ceann a' Ghiùthsaich 2-1 air thoiseach sa chiad leth den ùine a bharrachd

  • Tha Ceann a' Ghiùthsaich a-nise air an cupa a thogail 27 tursan

  1. Seo sinn!air fhoillseachadh aig 14:12 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 0 Ceann a' Ghiùthsaich 0

    Tha cuairt dheireannach 2026 air tòiseachadh.

  2. An geama a' teannadh dlùth a-niseair fhoillseachadh aig 14:08 TSB 19 An t-Sultain

    Tha na cluicheadairean a' tighinn a-mach air a' phàirc is an geama gus tòiseachadh an ceartuair.

    Agus seo an duais a tha iad ag iarraidh...

    Cupa na Camanachd
  3. Fear na fìdeigeair fhoillseachadh aig 14:01 TSB 19 An t-Sultain

    Dìreach beagan mhionaidean a-nise gus an tòisich an geama is tha feasgar trang air thoiseach air an duine seo - Steaphan MacLachlainn à Baile a' Chaolais - oir 's e an rèitire a bhios os cionn chùisean.

    'S e seo a' chiad turas a nì Steaphan cuairt dheireannach Chupa na Camanachd is tha e ag ràdh gur e "urram mòr" a th' ann dha.

    Bha Mgr MacLachlainn anns na naidheachdan ann an 2024 nuair a thàinig greim-cridhe air nuair a bha e os cionn geama eadar Cabar Fèidh is Ceann Loch Seile.

    Rinn Conor Cormack is Cè MacRath aig Ceann Loch Seile, a tha ri chèile nan smàladairean, cobhair air le defibrillator.

    "Fhuair mi an t-uabhas de thaic bho an t-uabhas de dhaoine thar nam bliadhnaichean, is mura b' e tòrr dhaoine cha bhithinn an seo an-diugh 'son an t-urram a tha seo fhaighinn," thuirt Steaphan.

    Steaphan MacLachlainn
    Fo-thiotal an deilbh,

    Bidh Steaphan an dòchas nach bi cus ainmean a' dol san leabhar aige an-diugh.

  4. Tarzan aig Mossfieldair fhoillseachadh aig 13:58 TSB 19 An t-Sultain

    Tha sluagh a' taomadh a-steach gu Mossfield is laoich gu leòr nam measg.

    Seo David 'Tarzan' Ritchie - fear de churaidhean Bhaile Ùr an t-Slèibh.

    Dave Tarzan Ritchie
  5. Fear-glèidhidh òg na Hearadhair fhoillseachadh aig 13:54 TSB 19 An t-Sultain

    Tha sinn air a bhith a' cluinntinn gu bheil eachdraidh fhada aig Alasdair MacIllinnein san iomain. Eil sibh ga fhaicinn an seo?

    Cluicheadairean òga iomain anns na h-Eileanan an IarTùs an deilbh, Camanachd Leòdhais
  6. Seòid an là an-diughair fhoillseachadh aig 13:51 TSB 19 An t-Sultain

    Seo iad! Ceit Bradley is Iain Moireasdan còmhla ri Somhairle MacDhòmhnaill is Alasdair MacIllinnein.

    Seòid an là an-diugh
  7. Sgioba na spirisair fhoillseachadh aig 13:49 TSB 19 An t-Sultain

    Bha na meadhanan a' craoladh bho gheamaichean iomain fada ro 1989 ge-tà. Seo sgioba a' BhBC air ais ann an 1938 ag aithris à geama eadar Camanachd an Òbain is Baile a' Chaolais. Tha Ùisdean air innse dhuinn nach robh e an làthair aig an fhear seo...

    Sgioba a' BhBC aig geama ann an 1938Tùs an deilbh, Stòras Ùisdein MhicIllinnein
  8. Duine uasal na deiseair fhoillseachadh aig 13:47 TSB 19 An t-Sultain

    Fear eile bho 1989 an seo - eil sibh ag aithneachadh a' chraoladair òig seo air an là sin?

    Tha sinn dìreach air a bhith a' cluinntinn bho Ùisdean MacIllinneinn air BBC Radio nan Gàidheal.

    Tha Ùisdean ag ràdh gur e "àite sònraichte" a th' ann am Mossfield is tha e air bhioran mun gheama mhòr.

    Ùisdean MacIlleinnein air a' phàirc ann an 1989Tùs an deilbh, Stòras Ùisdein MhicIllinnein
  9. 1989air fhoillseachadh aig 13:44 TSB 19 An t-Sultain

    'S e 1989 an turas mu dheireadh a choinnich na sgiobaidhean sa chuairt dheireannaich aig Mossfield, geama a bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich 5-1.

    Seo taghadh de dhealbhan bhon là sin bhon stòras iongantach aig Dòmhnall MacAoidh nach maireann.

    Pàirc MossfieldTùs an deilbh, Stòras Dhòmhnall MhicAoidh
    Fo-thiotal an deilbh,

    Bha a' ghrian a' sgoltadh nan creag san Òban - abair sealladh!

    Kevin Thain is Tormod MacArtair aig Mossfield ann an 1989Tùs an deilbh, Stòras Dhòmhnaill MhicAoidh
    Fo-thiotal an deilbh,

    Brick MacArtair a-rithist ann 1989, an turas seo air tòrr Kevin Thain aig Ceann a' Ghiùthsaich

    Sluagh mòr aig MossfieldTùs an deilbh, Stòras Dhòmhnaill MhicAoidh
    Fo-thiotal an deilbh,

    Bha sluagh mòr ann.

  10. 1984air fhoillseachadh aig 13:40 TSB 19 An t-Sultain

    Bha a dhà de na cuairtean deireannach eadar an dà sgioba air an cluich aig Pàirce Mossfield san Òban, far a bheil sinn an-diugh.

    Seo Tormod 'Brick' MacArtair is Daibhidh MacAnndrais aig Ceann a' Ghiùthsaich ann an 1984 - a' chiad chuairt dheireannach eatorra riamh sa chupa mhòr - geama a bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich 4-1.

    Cuairt dheireannach 1984Tùs an deilbh, Stòras Dhòmhnaill MhicAoidh
    Fo-thiotal an deilbh,

    Tormod 'Brick' MacArtair is Daibhidh MacAnndrais ann an 1984

  11. Cupa MhicMhaighstir le Ceann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 13:37 TSB 19 An t-Sultain

    Bha cuairt dheireannach ann mar-tha aig Pàirc Mossfield an-diugh - sin ann an Cupa MhicMhaighstir airson na duais nàiseanta aig ìre Fo 14.

    'S iad Ceann a' Ghiùthsaich a rinn a' chùis is iad air soirbheachadh 5-1 an aghaidh Cill Mhàilidh.

    'S iad Kayla Gow (3), Joep Mommetz is Reid Paterson a fhuair na tadhail do Cheann a' Ghiùthsaich is Cian MacIllEathain air an targaid do Chill Mhàilidh.

    Meal a naidheachd air òigridh Cheann a' Ghiùthsaich!

    Am faic sinn duais eile a' dol dhan bhaile ro dheireadh an fheasgair?

    Ceann a' Ghiùthsaich le Cupa MhicMhàighstir
  12. Òran nan Rosachair fhoillseachadh aig 13:36 TSB 19 An t-Sultain

    'S iad Rosaich a tha os cionn nan sgiobaidhean an-diugh: Peadar aig Baile Ùr an t-Slèibh mar a chuala sinn is Ragnall aig Ceann a' Ghiùthsaich.

    'S dòcha gum bi cuimhne aig cuid gun tuirt Peadar às dèidh na cuairte deireannaiche an-uiridh gun robh Cupa na Camanachd "air ais far am bu chòir dha a bhith". Gu follaiseach 's e sin a bheachd fhathast!

    Cha do chòrd e ri muinntir Cheann a' Ghiùthsaich is nuair a bhuannaich iadsan Cupa MhicThàmhais nas tràithe air an t-samhradh seo, bha cabhag air Raghnall innse dha Peadar ciamar dìreach a bha e a' faireachdainn.

    Ciamar a bhios cùisean air an loidhne an-diugh? Cumaidh Dòmhnall MacLaomainn fios rinn - is tha Dòmhnall dìreach air a ràdh air BBC Radio nan Gàideal gum bi e "inntinneach".

    Chan eil fios againn an tug Dòmhnall clogaid leis an-diugh ach 's dòcha gum bi feum aige air fhathast.

  13. Peadar Ros misneachailair fhoillseachadh aig 13:31 TSB 19 An t-Sultain

    Abair thusa gu bheil manaidsear a' Bhaile Ùir misneachail - mar as àbhaist!

    "Tha mi gu math misneachail is tha mi dìreach 'son a dhèanamh a-nise agus an cupa a thoirt air ais a Bhaile Ùr an t-Slèibh", tha e ag ràdh.

  14. Eil Roddy Young fut?air fhoillseachadh aig 13:27 TSB 19 An t-Sultain

    Tha leas-mhanaidsear Cheann a' Ghiùthsaich, Ali MacLeòid, air a bhith a' bruidhinn ri Dòmhnall MacLaomainn againn.

    Nuair a dh'fhaighnich Dòmhnall dha a bheil Roddy Young fut, 's e a fhreagair Ali ach "tha mi an dòchas".

    Tha na h-uimhir de cheistean air a bhith ann mu Cheann a' Ghiùthsaich is na th' ann de chluicheadairean a tha air a bhith air an goirteachadh anns na mìosan mu dheireadh.

    Dòmhnall is Ali
  15. Nàimhdean Bhàideanach sa chuairt dheireannaichair fhoillseachadh aig 13:20 TSB 19 An t-Sultain

    A dh'aindeoin an dualchais iomain bheartaich eatorra, chan eil Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich air coinneachadh sa chuairt dheireannaich mhòir ach seachd tursan gu seo.

    Cha robh e comasach, cuimhnich, gu 1983, is gach cuairt dheireannach ron sin eadar tuath is deas.

    Tha làmh an uachdair aig Ceann a' Ghiùthsaich anns na geamaichean sin, dìreach, is iad air ceithir às na seachd a bhuannachadh.

    Tha am Baile Ùr air thoiseach uile gu lèir a thaobh Chupa na Camanachd ge-tà, 35 gu 26, agus 's iadsan a rinn a' chùis ann cuairt dheireannach Bhàideanach an-uiridh 3-2.

  16. "Naidheachd mhòr"air fhoillseachadh aig 13:14 TSB 19 An t-Sultain

    Alasdair MacIllinnein
    Ag aithris à Pàirc Mossfield

    Tha Roddy Young ann an sgioba Cheann a' Ghiùthsaich ach a dh'aindeoin gun deach ainmeachadh sa sguad - chan eil Dylan Borthwick fut. Tha e coltach gu bheil air a ghlùin a ghoirteachadh is cha bhi e a' cluich.

  17. Ceann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 13:08 TSB 19 An t-Sultain

    Bob MacGriogair

    Robert Mabon

    Calum Grannd

    Kieran Mac a’ Phearsain

    Alexander Michie

    Rory MacEachainn

    Calum MacLay

    Thomas Borthwick

    Ruaridh MacAnndrais

    Roddy Young

    Savio Genini

    Lee Bain

  18. Sgioba a' Bhaile Ùirair fhoillseachadh aig 13:04 TSB 19 An t-Sultain

    Kenny Ros

    Rory Ceannadach

    Craig Ritchie

    Daniel Sloss

    Steven Dòmhnallach

    Arron MacBheathain

    Tristan Ros

    Drew Dòmhnallach

    Brodie MacBheathain

    Struan Ros

    Matthew Sloss

    Iain Robinson

  19. Gach builleair fhoillseachadh aig 13:00 TSB 19 An t-Sultain

    Tha feasgar air leth de dh'iomain romhainn ma-tha is bheir sinn thugaibh an naidheachd air fad às an Òban.

    A' tòiseachadh dìreach an-dràsta tha prògram sònraichte aig Sgioba Spòrs BBC Radio nan Gàidheal - gheibhear an ceangal aig mullach na duilleige againn.

    Bho 2f bidh ceangal ann cuideachd dhan phrògram air BBC ALBA is na dealbhan à Mossfield.

    Fhad 's a tha sinn a' feitheamh air sin is fiosrachadh mu na sgiobaidhean, bheir sinn sgrìob luath tro beagan - agus dìreach beagan - den eachdraidh mhòir eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich.

  20. Aimsirair fhoillseachadh aig 12:56 TSB 19 An t-Sultain

    Tha i air a bhith rudeigin caochlaideach tron mhadainn san Òban le beagan grèine ach le frasan trom. Tha dùil ri barrachd dhiubh feasgar.

    Saoil an toir sin buaidh sam bith air a' gheama?

    Am Baile Ùr a' bhlàthachadh suas