Geàrr-chunntas

  • Tha Ceann a' Ghiùthsaich air Cupa na Camanachd a bhuannachadh aig Pàirc Mossfield

  • Chrìochnaich a' chuairt dheireannach an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh 2-1

  • 'S e Struan Ros a chuir a' chiad tadhal dhan Bhaile Ùr às dèidh còig mionaidean

  • Fhreagair Ruairidh MacAnndrais do Cheann a' Ghiùthsaich às dèidh 72 mionaidean

  • 'S e MacAnndrais an uairsin a chuir Ceann a' Ghiùthsaich 2-1 air thoiseach sa chiad leth den ùine a bharrachd

  • Tha Ceann a' Ghiùthsaich a-nise air an cupa a thogail 27 tursan

  1. An sgiobair a-rithistair fhoillseachadh aig 16:14 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Tadhal àlainn bho Ruairidh MacAnndrais! "Lasair" a bha aig Somhairle MacDhòmhnaill air is bha e ceart.

    Cha robh cothrom aig Connor Jones is tha Kings ann an suidheachadh làidir an seo.

  2. TADHAL DO CHEANN A' GHIÙTHSAICH!air fhoillseachadh aig 16:13 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

  3. Ùine a bharrachd a' dolair fhoillseachadh aig 16:12 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Is dìreach mar sin tha sinn a' dol a-rithist is tha Connor Jones an àite Kenny Rois.

    Am Baile Ùr leis a' ghaoith a-rithist is abair gu bheil iad feumach air togail air choireigin - bidh Ceann a' Ghiùthsaich a' faireachdainn gun robh còir acasan a bhith air an geama seo a bhuannachadh mar-tha.

    Baile Ùr an t-Slèibh
    Ceann a' Ghiùthsaich
  4. Dè a-nise ma-tha?air fhoillseachadh aig 16:07 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Tha Dòmhnall MacLaomainn ag ràdh gu bheil Peadar Ros a' toirt a' Bhaile Ùir a-steach dhan t-seòmar deasachaidh is tha e an dùil gu bheil Peadar gus "blast" a thoirt dhaibh.

    Chanainn gum biodh blast bho Pheadar nas miosa fiù 's na an hairdryer treatment ainmeil aig Sir Ailig Fearghasdan.

    Ach tha Dòmhnall a' cluinntinn beachd cuideachd gur dòcha nach urrainn dha Kenny Ros cumail a' dol is gun tèid Connor Jones na àite eadar na puist.

    'S e buille mhòr a bhiodh sin dhan Bhaile Ùr.

  5. Làn-ùineair fhoillseachadh aig 16:04 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Bha ochd mionaidean a bharrachd ann air a' cheann thall ach cha robh an còrr thadhal againn is chrìochnaich iad 1-1.

    Tha leth-uair a thìde eile romhainn!

  6. Kenny Rosair fhoillseachadh aig 16:02 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Bha Kenny Ros bochd feumach air taic a-rithist an siud is coltas ann gur e brag mu na h-asnaichean a fhuair e.

    Tha e fhathast a' dol ach gu follaiseach mì-chofhurtail. Tha leth-mhionaid air fhàgail.

  7. Nearbhasachair fhoillseachadh aig 16:00 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Chì sibh an t-uallach a tha air muinntir a' Bhaile Ùir.

    Muinntir a' Bhaile Ùir
  8. Ùine a' sìoladh àsair fhoillseachadh aig 15:56 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Tha Kenny air ais air a chasan is tha cùisean a' dol a-rithist.

    Tha na 90 mionaidean cha mhòr seachad an seo ach bidh còig mionaidean a bharrachd againn.

  9. Connspaidair fhoillseachadh aig 15:54 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Bha Ceann a' Ghiùthsaich ag èigheach 'son buille-peanais eile is Calum MacLay air a dhol sìos is e ag ràdh gun do leig Kenny Ros e.

    Cha do dh'aontaich Steven MacLachlainn.

    Cha mhòr sa bhad thàinig an dithis còmhla a-rithist is tha Kenny a-nise sìos is e ann an èiginn....

  10. Buillair fhoillseachadh aig 15:51 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Well cò chreideadh e - chaidh na bha siud de dh'oidhirpean seachad air tadhal Kenny Rois is gun do ruith iad a-mach à buill 'son treis.

    Tha Dòmhnall MacLaomhainn den bheachd gun deach buille-peanais Genini nas fhaide na an raon-goilf - cho fada ri Glaschu!

  11. Cuideam air a' Bhaile Ùrair fhoillseachadh aig 15:49 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Tha beachd ann gum biodh am Baile Ùr a-nise glè thoilichte faighinn gu deireadh a' gheama aig 1-1 is plana a dhèanamh 'son ùine a bharrachd.

    Ach tha deich mionaidean air fhàgail - deich mionaidean fada do mhuinntir a' Bhaile Ùir mar a tha cùisean a' dol an-dràsta.

  12. "Cugallach is cunnartach"air fhoillseachadh aig 15:46 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Tha Ceann a' Ghiùthsaich le smachd làidir air a' gheama seo san dàrna leth agus tha an cluich uile dìreach air beulaibh Kenny Rois.

    "Tha gnothaichean cugallach is cunnartach dhan Bhaile Ùr an-dràsta", tha Somhairle MacDhòmhnaill ag ràdh.

  13. An sgiobairair fhoillseachadh aig 15:39 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    'S e an sgiobair aca Ruairidh MacAnndrais a fhuair e is cha b' urrainn a ràdh nach robh Ceann a' Ghiùthsaich airidh air - bha làmh an uachdair aca tron dàrna leth.

    1-1 is 72 mionaidean air a' ghleoc.

  14. TADHAL DO CHEANN A' GHIÙTHSAICH!air fhoillseachadh aig 15:38 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

  15. Steven Dòmhnallach fortanach?air fhoillseachadh aig 15:36 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Chì sibh mar a fhuair Steven Dòmhnallach cairt bhuidhe an seo. Chanadh gu leòr gun robh e fortanach nach e cairt dhearg a bh' ann.

  16. Faochadh dhan Bhaile Ùrair fhoillseachadh aig 15:31 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Bidh Ceann a' Ghiùthsaich tinn le sin - droch bhuille-peanais a bh' ann bho Savio Genini.

    Tha Derek MacAoidh air BBC ALBA ag ràdh gun deach am ball dhan raon-goilf cùl Pàirc Mossfield.

    Tha am Baile Ùr fhathast air thoiseach - air èiginn - is 64 mionaidean air an cluich.

  17. Nach do ghabh iad!air fhoillseachadh aig 15:28 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Àrd os cionn a' bhàir bho Savio Genini.

  18. Buille-peanais do Cheann a' Ghiùthsaich!air fhoillseachadh aig 15:28 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Agus abair cothrom an seo...

    Chaidh Roddy Young a leagail le Ruairidh Ceannadach is co-dhùnadh furasta do Steven MacLachlainn.

  19. An Rosach a-rithistair fhoillseachadh aig 15:27 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Kenny Ros le dà shàbhaladh eile an sin.

    Tha Somhairle MacDhòmhnaill ag ràdh gu bheil tadhal gus tighinn do Cheann a' Ghiùthsaich mar a tha cùisean a' dol.

  20. Atharrachadhair fhoillseachadh aig 15:25 TSB 19 An t-Sultain

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Ach buille an seo do Kings is Thomas Borthwick air a dhol dheth. Bha ceist ann an robh Borthwick fut ach gu soilleir cha robh e air a dhòigh a' dol dheth - thilg e a chaman gu làr.

    Tha Louie Rothach air tighinn air na àite - fear a bha thall is a chunnaic.