Mac an t-Saoir airson is gun tig an Open a dh'Alba nas trice

- Air fhoillseachadh
Thuirt Raibeart Mac an t-Saoir nach eil an Fharpais Fhosgailte a' tighinn a dh'Alba tric gu leòr.
Thug an goilfear às an Òban seachad a bheachd air thoiseach air Farpais Alfred Dunhill Links, a thòiseachas Diardaoin.
Bidh an fharpais ann thairis air ceithir là eadar Cill Rìmhinn, Càrn Ùstaidh is Kingsbarns.
Bha Mac an t-Saoir a' bruidhinn ann an Cill Rìmhinn, far an robh an Open ann an 2022 is far am bi farpais 2027.
Bha an Open cuideachd ann an Alba san Truthail ann an 2024.
Tha Mac an t-Saoir ag ràdh gu bheil feum air an fharpais a bhith ann an Alba nas trice agus air farsaingeachd de raointean.
"Tha mi den bheachd nach eil an Open ann an Alba cho tric 's a bu chòir na làithean seo.
"An seo fhèin (Cill Rìmhinn), Càrn Ùstaidh, Muirfield - b' fheàrr leam gun robh iad uile a' nochdadh.
"Na raointean seo - 's e raointean ceart, dùbhlanach a th' annta uile," thuirt e.
Thòisich an Open bho thùs ann an 1860 aig Preastabhaig is bha an fharpais ann an Alba a h-uile bliadhna gu 1894, nuair a chaidh a cluich 'son a' chiad turas ann an Sasainn aig St George's.
Bhon uairsin tha an fharpais air gluasad eadar raointean ann an Alba is Sasainn, is i cuideachd trì tursan air a bhith ann an Èirinn a Tuath.