Naidheachdan 10:00m
Prìs an dìosail
Tha ministear còmhdhail na Rìoghachd Aonaichte, Keir Mather, ag ràdh gu bheil stòras seasmhach de dhìosal aig an dùthaich, ged a tha draghan ann gun cuir na Stàitean Aonaichte casg air a bhith a' reic dìosail ri dùthchannan eile - Breatainn nam measg. Tha Dòmhnall Trump air an leithid a bhagairt le dragh mu mar a tha prìsean dìosail air èirigh cho mòr. Tha dùthchannan Eòrpach a' tighinn fo ìmpidh le na Stàitean Aonaichte an stòrasan dìosail fhosgladh mar oidhirp air a' chùis a chuideachadh. Tha mu 30% den dìosal a tha an rìoghachd-sa a' cleachdadh a' tighinn às Aimeireaga.
Ionnsaigh air pìleat
Tha am pìleat Innseannach air an deach ionnsaigh a thoirt le sgithinn nuair a chaidh feuchainn ri smachd a ghabhail air plèana a bha a' siubhal eadar Dubai agus Israel, air bruidhinn gu poblach airson a' chaid uair mu mar a thachair dha. Thug an dàrna pìleat air a' phlèana ionnsaigh air a' Chaiptean Smit Machchhar mus deach am plèana a thoirt gu talamh gu sàbhailte ann an Saudi Arabia. Dh'innis e ann an còmhradh bhideo ri Prìomhaire nan Innseachan, Narendra Modi, gun deach aige air an doras dhan chockpit fhosgladh gus am faigheadh luchd-siubhail a bh' air a phlèana air smachd a ghabhail air an t-suidheachadh, a dh'aindheoin 's gun robh am pìleat eile fhathast ri ionnsaigh air.
Tubaist mhairbhteach
Tha na poilis air fiosrachadh iarraidh bhon mhòr-shluagh mun tubaist mhairbhteach a bha ann an Uibhist a Tuath a' bhòn-raoir. Chaochail fireannach aois 43 anns an ospadal ann an Glaschu às dèidh tubaist eadar an Kia Ceed dubh a bha e a' draibheadh agus Mercedes A Class dubh. Thachair e timcheall air 9.00f oidhche Chiadain faisg air Loch a' Bhùird air an A867 eadar Loch nam Madadh agus An Clachan. Bha fireannach, aois 36 bha a' draibheadh an dàrna càr, air a thoirt dhan ospadal cuideachd. Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh no dealbhan bho dhaoine a bha anns an sgìre aig an àm.
Tubaist rathaid
Tha na poilis cuideachd air fiosrachadh iarraidh mu thubaist ann an Siorrachd Obar Dheathainn anns an deach deugaire air motar-baidhseagal a mharbhadh. Thachair an tubaist eadar am motar-baidhg agus bhana VW Transporter air Watermill Road anns a' Bhruaich feasgar an-dè. Chaidh fear aois 18 a mharbhadh.
Aiseag a' Chorrain
Tha Comhairle na Gaidhealtachd air am pròiseas oifigeil a thòiseachadh airson bàta-aiseig ùr fhaighinn dha Linne a' Chorrain, ann an Loch Abar. Thathas air tairgsean iarraidh airson bàta ùr dealain a thogail - agus iad air taic fhaighinn anns a' chùis bho CMAL, a bhios a' cumail bhàtaichean aig Cal Mac. Thathas air £58m a chur ma choinneamh a' phròiseict - £28m bho Riaghaltas na h-Alba, £20m bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus a' chomhairle fhèin a' cur £10m ri obair leasachaidh a bhios a dhìth air tìr.