Bàta ùr dealain san amharc aig Aiseag a' Chorrain

Bàta-aiseag beag a seòladh tarsainn linne le càraichean air bòrd.
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil e a' toirt ach còig mionaidean a dhol tarsainn na Linne Duibh aig a' Chorran agus tha an turas a' sàbhaladh turas fada rathaid do dhaoine

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air pròiseas oifigeil a thòiseachadh airson aiseag ùr fhaighinn do sheirbheis a' Chorrain ann an Loch Abar.

Thathas air tairgsean iarraidh airson bàta ùr dealain a thogail agus tha iad air taic fhaighinn bho CMAL, air a bheil an dleastanas aiseagan fhastadh do ChalMac.

Tha an t-ùghdarras ionadail air £58m a chur mu choinneamh a' phròiseict.

Thàinig £28m bho Riaghaltas na h-Alba, £20m bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus tha a' chomhairle fhèin a' cur £10m mu choinneamh obair leasachaidh air am bi feum air tìr.

Thòisich obair air a' bhun-structar sin air tìr na bu tràithe air a' bhliadhna agus dà laimrig ùr gan togail, a thuilleadh air goireasan leasaichte eile gach ceann an aiseig.

'S e Aiseag a' Chorrain aon dhe na seirbheisean aiseig as trainge an Alba.

Chan eil i a' toirt ach còig mionaidean ach tha i a' sàbhaladh turas fada rathaid do mhuinntir Àird Ghobhar, na Morbhairne agus Àird nam Murchan ma tha iad a' dèanamh air taobh a deas na linne.

Ach tha na bàtaichean a tha a' frithealadh na seirbheis, eadar an Àird Ghobhar agus Loch Abar Ìochdarach, a' fàs aosta.

Tha prìomh aiseag na slighe, an MV Corran, 25 bliadhna a dh'aois.

Tha i air briseadh grunn thursan sna bliadhnaichean mu dheireadh agus tha gearanan air a bhith ann mu neo-earbsachd na seirbheis.

Bàta-aiseag ris a' chidhe. Tha taighean, craobhan agus beanntan air a cùlaibh.
Fo-thiotal an deilbh,

Thèid goireasan air gach taobh na linne a leasachadh

Tha a' chomhairle ag ràdh gun dìon seo an t-slighe 's gun dèan e nas sheasmhaiche i san àm ri teachd.

Thathas an dòchas cùmhnant airson na h-obrach a thoirt seachad sa Mhàrt an ath-bhliadhna, le dùil gun tèid aiseag ùr a chur ann an seirbheis aig toiseach 2029.

Aon uair 's gun tig am bàta ùr, thèid am MV Corran a chumail ann an seirbheis airson faochadh a thoirt dha nuair a bhios feum air an leithid.

Thèid an t-aiseag a th' air a chleachdadh san dòigh sin an-dràsta, an MV Maid of Glencoul a tha 51 bliadhna a dh'aois, a thoirt a-mach à seirbheis.

Cha bhi fhios dè chosgas an t-aiseag ùr gus an tig am pròiseas gus cùmhnant a thoirt seachad gu ceann.