Prìomh-rathad Thròndarnais fhathast dùinte an dèidh maoime-slèibhe

Fo-thiotal,

  • Air fhoillseachadh

Tha am prìomh rathad mu cheann a tuath Thròndarnais anns an Eilean Sgitheanach fhathast dùinte an dèidh maoime-slèibhe faisg air Ùige.

Thachair e air an A855 aig lùb Idrigill feasgar Dihaoine.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil sgioba air a bhith ag obair gus an sprùilleach a thoirt air falbh agus gu bheil obair-chàraidh ga dèanamh.

Chan eil cinnt cuin a dh'fhosglas an rathad a-rithist.

Tha seach-shlighe air a chomharrachadh air Rathad Stafainn (A855) agus an A87.

Ged a tha rathad a' Chuidh Fhraing (C1225) cuideachd fosgailte, thuirt a' chomhairle gu bheil obair leasachaidh mòr a dhìth air an rathad seo agus nach eil e freagarrach airson àireamh mhòr de charbadan.

Tha iad mar sin ag iarraidh gun cleachd draibhearan rathad Stafainn far a bheil sin comasach.

Thuirt Comhairliche Eilean a' Cheò, Chrissie NicIlliosa, gun do thachair a' mhaoim-slèibhe air earrann den rathad far a bheil a' Chomhairle air a bhith a' dèanamh sgrùdaidh mu na tha ga chleachdadh.

"Tha seo ga rannsachadh gu sònraichte le mar a tha àrdachadh air a thighinn air na tha a' cleachdadh an rathaid thairis air a' chòig bliadhna mu dheireadh," thuirt i.

"Tha fios againn cho mòr 's tha an earrann seo dhen rathad air a chleachdadh, agus tha fios againn gu bheil buaidh air a bhith ann bho sin.

"Cuiridh na tha air tachairt ri mar a thathas a' beachdachadh air seo gun teagamh."