Seirbheisean Stagecoach an Gallaibh gu bhith fo smachd na comhairle

Bus StagecoachTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Gabhaidh Comhairle na Gàidhealtachd thairis seirbheisean bus ann an Gallaibh mar phàirt de dh'iomairt nas fharsainne gus taic a chur ri còmhdhail phoblaich.

Tha a' chompanaidh D&E Coaches, a chaidh a cheannach leis a' Chomhairle san Fhaoilleach an-uiridh, air sealbh fhaighinn air busaichean, slighean agus dràibhearan a bha le Stagecoach.

Bidh 20 dràibhear, sianar luchd-càraidh, na busaichean gu lèir agus na goireasan aig Stagecoach ann an Inbhir Theòrsa agus Inbhir Ùige a' gluasad gu bhith fo D&E Coaches bhon 19mh là den Dàmhair.

Cha tig atharrachadh air na seirbheisean a th' ann, a' toirt a-steach seirbheisean sgoile, cùmhnantan màil prìobhaideach agus seirbheisean ionad Dhùnrath.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil obraichean an 26 duine sàbhailte, agus gun tèid an cùmhnantan a ghluasad dhan fhastaiche ùr aca fo aonta TUPE - buidheann aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a tha a' riaghladh a leithid.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gu bheil an gluasad na phàirt den ro-innleachd nas fharsainne aca barrachd de chòmhdhail phoblaich air Ghàidhealtachd a chur fo an smachd, airson lìonra nam busaichean a dhèanamh nas làidire agus nas seasmhaiche.

"'S e deagh naidheachd dha-rìribh a tha seo do luchd-obrach, luchd-siubhail agus coimhearsnachdan air feadh Ghallaibh," thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Rèamonn Bremner.

"Le bhith a' toirt a' ghnothaich seo fo shealbh phoblach tro D&E Coaches tha sinn a' cur dìon air cosnaidhean agus sheirbheisean bus riatanach, a thuilleadh air a bhith a' neartachadh ar comas còmhdhail earbsach a thoirt do dhaoine a tha a' crochadh orra."