Alba gu lèir gu bhith ann an sgìre chuingealaichte airson Bluetongue

- Air fhoillseachadh
Tha bacaidhean a th' air a bhith an sàs an iar-dheas na h-Alba airson stad a chur air a' ghalar Bluetongue o bhith a' sgapadh, gan leudachadh air feadh na h-Alba bho Dhisathairne.
Nochd a' chiad chnap de chùisean faisg air Baile na h-Ùige san Lùnastal, agus on uair sin tha diofar ìrean bacaidh air a bhith an sàs san sgìre sin.
Le bhith a' leudachadh nan riaghailtean dhan dùthaich air fad, thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag amas air gnothaichean a dhèanamh nas fhasa do thuathanaich aig àm fèilltean an fhoghair.
Thèid an galar a sgapadh tro mheanbh-chuileagan, ach faodaidh e cuideachd sgapadh tro bhriodadh, no bho mhàthraichean gu an àl tron chruthach.
Chan eil e idir cunnartach do Mhac-an-duine, agus chan eil e a' fàgail feòla cunnartach, ach faodaidh e bàs adhbharachadh ann an crodh agus caoraich gu h-àraid, agus am fàgail le duilgheadasan torachd.
Chaidh an co-dhùnadh na riaghailtean a leudachadh air feadh na h-Alba a dhèanamh an dèidh bruidhinn ri riochdairean a' ghnìomhachais, NFU na h-Alba, Comann Nàiseanta nan Caorach agus Comann Feòla Mairt na h-Alba nam measg.

Bho Dhisathairne, cha bhi feum tuilleadh air na ceadan sònraichte a th' air a bhith a dhìth airson stoc a ghluasad a-steach no a-mach às an sgìre san iar-dheas.
Tha Sasainn agus a' Chuimrigh cuideachd ann an sgìrean cuingealaichte airson smachd a chur air sgapadh a' ghalair, leis gu bheil an àireamh chùisean air èirigh an sin tron t-samhradh.
Ann an Alba, chaidh Bluetongue a dhearbhadh air 40 tuathanas bho chaidh an sgìre chuingealaichte a chur an sàs tràth san t-Sultain.
Bha na riaghailtean a bh' ann a' cur "uallaich rianachd a bharrachd air tuathanaich aig àm chritigeach den bhliadhna a thaobh malairt stuic," thuirt Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie.
"Ged a tha a bhith a' leudachadh na sgìre a' cur às dhan fheum air cead gluasaid, chan eil e ag atharrachadh na ro-innleachd againn san ùine fhada airson dèiligeadh ris a' ghalar," thuirt e.
Am measg chomharran a' ghalair, tha silteach on t-sròin, ruadhachadh agus at sna bilean, san t-sròin gus mun bhus, crùbaichead no andeoin a bhith a' seasamh, lùghdachadh ann an toradh bainne, agus ann an crodh, a' bhuinneach.
Feumar fios a chur air Buidheann Slàinte nam Beathaichean 's a' Phlanntrais aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mu chùisean sam bith, 's a' bhuidheann a' foillseachadh fiosrachaidh às ùr gach là.
Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur ìmpidh air tuathanaich is croitearan banachdach a thoirt dhan stoc aca an aghaidh a' ghalair.