Iasgairean ag iarraidh airgead-dìolaidh an cois thuathanasan-gaoithe aig muir

- Air fhoillseachadh
Tha iasgairean na h-Alba ag iarraidh gun tèid airgead-diolaidh a thoirt dhaibh mu choinneamh thuathanasan-gaoithe aig muir a' tha toirt buaidh air am beo-shlàinte.
Tha iarrtas Caidreachas Iaisgairean na h-Alba (SFF) a' tighinn às dèidh mar a thuirt am Ministear Albannach airson Cumhachd, Ceangalaichean Eòrpach agus Chùisean Taobh a-Muigh, Stephen Gethins, gum bu chòir do luchd-fuirich faisg air bun-structar ùr cumhachd taic fhaighinn.
Tha Elspeth Dhòmhnallach, Àrd-oifigear SFF, ag ràdh "nach bu chòir dhan phrionnsabal sin stad aig a' chladach".
Thuirt i: "Tha sgrùdadh Riaghaltas na h-Alba fhèin a' sealltainn na tha sinn air a bhith ag innse dhaibh airson bliadhnaichean - gun caill gnothachasan iasgaich grunndan-iasgaich math air an robh iad air a bhith a' crochadh fad ghinealaichean air sgàth leasachaidhean mara."
Co-chomhairleachadh Spiorad na Mara a' tighinn gu ceann
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
Comhairle Coimhearsnachd Ìle air cur an aghaidh tuath-gaoithe mòr aig muir
- Air fhoillseachadh24 An t-Iuchar
Comhairlichean air aontachadh cur an aghaidh Spiorad na Mara
- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios
Tha an SFF ag iarraidh casg rè ùine air ceadan-dealbhachaidh do thuathanasan-gaoithe aig muir gus am bi làn-sgrùdadh air buaidh a' ghnìomhachais air iasgach agus gus an tèid aonta a dhèanamh mu airgead-dìolaidh.
Thuirt neach-labhairt Riaghaltas na h-Aba: "Tha sinn a' tuigsinn nan dùbhlan mu choinneamh gnìomhachas an iasgaich agus na draghan mu ghrunndan-iasgaich, a' bhuaidh an cois gaoth-mhara nam measg.
"Tha leasachaidhean gaoithe aig muir agus iasgach a' cumail cosnaidh ri na mìltean dhaoine, agus tha sinn airson a dhèanamh cinnteach gum bi an dà ghnìomhachas buan."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean

- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
