Prìsean an-àirde aig Fèill na Luirge

- Air fhoillseachadh
Bha prìsean an-àirde aig Fèill na Luirge am-bliadhna.
Uile gu lèir, chaidh 11,483 uan a reic
Dhiubh sin bha 8,394 uan fireann air an reic, 's a' phrìs sa chumantas £83.37 - suas £14.89 air prìsean na bliadhna an-uiridh.
Chaidh 3,089 uan boireann a reic, air prìs sa chumantas £97.72 - suas £13.48 air a' bhliadhna an-uiridh.
'S e Fèill na Luirge, ann an Cataibh, an fhèill chaorach aon-là as motha san Rìoghachd Aonaichte, le caoraich gan reic ann o air feadh a' chinn a tuath.
Bha gu math na bu lugha chaorach aig an fhèill am-bliadhna na 's àbhaist a bhith ann ge-tà, agus bha bruidhinn air caochladh adhbharan air cùl sin aig an fhèill.
"Tha iad a' faighinn nam prìsean nas àirde, ach saoilidh mi gur e comharra a th' ann air mar a tha an gnothach a' dol," thuirt Dòmhnall Young, a bha os cionn na rùp aig United Auctions.
"Tha na h-uain a' tighinn far a' mhonaidh an seo, 's tha cus fearainn ga chur, cus fearainn ga ath-fhiadhachadh, agus chan eil na h-uain seo rim faicinn anns na sgìrean far am bu chòir dhaibh a bhith.
"'S e adhbhar mòr dhragh a th' ann dhan dùthaich gu lèir.
"Feumaidh sinn uain ri ithe, 's feumaidh iad a bhith a' tighinn o na monaidhean àrda seo."
Ma tha dragh air cuid mun bhuaidh a tha an lùib leithid ath-fhiadhachadh, tha feadhainn air an làimh eile den bheachd gum faodadh e a bhith gu buannachd na h-àrainneachd, lusan, craobhan agus bheathaichean eile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal 2024
