Seann eaglais Ghàidhealach ga sgrùdadh

  • Air fhoillseachadh
Eaglais Thaoibh Mhealanais
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an eaglais air a bhith fosgailte airson còrr agus 100 bliadhna

Tha an eaglais air Taobh Mhealanais ann an Dùthaich Mhicaoidh air a bhith fosgailte bho fhìor thoiseach na 20mh Linne, ach tha cuid a' faighneachd dè cho freagarrach agus a tha i airson na linne seo.

Tha an àireamh de luchd-adhraidh innte air criònadh gu mòr, chun na h-ìre 's nach eil iad comasach air na cosgaisean aca a phàigheadh o mhìos gu mìos. 

Mar sin, tha Eaglais na h-Alba airson a dùnadh.

Tha eòlaichean gu bhith a' rannsachadh structar an togalaich agus dearbhaidh buil na h-obrach aca gu ìre na tha an dàn dhi.

Eaglais Taoibh Mhealanais
Fo-thiotal an deilbh,

Nì eòlaichean sgrùdadh air structar an togalaich

Tha a' mhì-chinnt a' fàgail mòrain gu math muladach gun fhios aca dè a tha a' dol a thachairt le togalach cho cudromach dhaibh.

Tha cuimhne aig Seonag Gallagher a bhith ag adhradh ann na h-òige.

"Tha mise glè dhuilich gu bheil iad a' smaoineachadh air a dùnadh.

"Bha sinn a' dol chun na h-eaglais a h-uile Sàbaid, a' mhadainn agus feasgar, agus bha an eaglais làn."

Taobh a-staigh na h-eaglaise
Fo-thiotal an deilbh,

Bha là ann nuair a bhiodh an eaglais làn luchd-adhraidh air an t-Sàbaid

Dh'fhaodadh gum bi eaglaisean eile, a bharrachd air Eaglais na h-Alba, agus buidhnean coimhearsnachd a' cur an togalaich gu feum.

Tha Iain Williamson a' frithealadh sheirbheisean Caitligeach san ionad coimhearsnachd. Na bheachd-san bhiodh an togalach air leth feumail dhan choimhearsnachd ge b' e dè an creideamh a th' aig daoine.

"Tha Easbaigich ann a tha air a shon, tha buill den Eaglais Chaitligich cuideachd a' cur taic ris a' mholadh.

"Ma chuireas tu trì eaglaisean còmhla tha e gu bhith nas fhasa airgead a thogail seach oidhirp bho aon bhuidhinn leatha fhèin."

Uinneag eaglaise
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhaodadh gum faigh daoine bho chreideamhan eile cothrom cruinneachadh san eaglais

Tha Seonag Gallagher toilichte gu bheil cothrom an seo daoine a thoirt còmhla airson dèanamh cinnteach gum bi an eaglais fosgailte airson bliadhnaichean ri teachd.

"Caitligich neo Easbaigich neo Eaglais na h-Alba, chan eil e gu diofar," thuirt i.

'S e am ministear aig an eaglais, an Dtr Beverley Cushman.

"'S e aon de na rudan a bu dorra a bh' agam ri dhèanamh riamh 's e daoine a stiùireadh aig àm nuair a tha eaglais ga dùnadh. Tha mi air a dhèanamh agus chan eil mi airson a dhèanamh a-rithist.

"'S e an duigheadas a th' ann gu bheil àite air leth brèagha agad ach tha e a' cosg an uabhais airson a chumail a' dol agus chan eil na daoine againn tuilleadh a chumas taic ris an eaglais," mhìnich i.

Tha dùil ri aithisg bho na h-èolaichean a tha a' rannsachadh staid an togalaich timcheall air a' Bhliadhn' Ùir.

Taobh Mhealanais