Ciamar a chì mi am fiosrachadh a th’ agaibh mum dheidhinn?
Air ùrachadh: 4 Am Faoilleach 2022
Tha còraichean agad mu choinneamh an fhiosrachadh seo iarraidh. Tha seo a leigeil dhut faighneachd mun fhiosrachadh pearsanta a th' againn mud dheidhinn.
Ma tha cunntas BBC agad
Faodar am fiosrachadh seo iarraidh bho do sheataidhean cunntais.
Bidh e comasach dhuinn a’ chuid as motha den fhiosrachadh a th’ air do chunntas BBC a thoirt dhut, ach cha ghabh sin a-steach a h-uile rud, leithid fiosrachadh a chur thu chun a’ BhBC a tha fhathast ri fhaotainn gu poblach air bbc.co.uk.
Dè mu dheidhinn fiosrachadh eile?
Feumaidh tu fios a chur thugainn a' mìneachadh dè a tha thu ag iarraidh gus ar cuideachadh ann a bhith ga lorg. Cuimhnich, nuair a thilleas sinn thugad, 's dòcha gu feum sinn nì-aithneachaidh air choireigin bhuat airson dearbhadh gur tu dha-rìreabh a th' ann.
'S dòcha gum bi amannan ann far nach urrainn dhuinn d' iarrtas a choileanadh.
Taobh a-muigh an RA?
Tha am fiosrachadh gu h-àrd fhathast a’ freagairt. Ma tha fiosrachadh a dhìth ort mu;
- do chunntas fo-sgrìobhte pàighte BBC.com
- do chuairt-litrichean fo-sgrìobhte BBC.com
- agus/no dàta ceangailte ri fear de ar làraich comharraichte BBC Studios (Doctor Who, Bluey, Top Gear, BBC Earth, Hey Duggee)
bu chòir dhut sùil a thoirt air BBC Studios Privacy Policy