Sgioba WIIGA a' dèanamh air Arcaibhair fhoillseachadh aig 09:26 TSB 11 An t-Iuchar 2025
Tha sgioba nan Eilean Siar a' dèanamh air Arcaibh Dihaoine airson Geamannan nan Eilean 2025.
Tòisichidh na geamannan Disathairne.
Bidh còrr is 100 neach air turas sònraichte a chaidh a chur air dòigh eadar Steòrnabhagh is Kirkwall.
Bidh aig a' phlèana ri dà thuras a dhèanamh leis cho mòr 's a tha sgioba WIIGA agus tha cuid air ceistean a thogail mu chosgaisean agus a' bhuaidh air an àrainneachd.
Tha cathraiche WIIGA, Norrie 'Tomsh' Dòmhnallach, ag ràdh gu bheil na planaichean air tighinn ri chèile fìor mhath.











