Rèis rathaid nam fearair fhoillseachadh aig 18:55 TSB 16 An t-Iuchar 2025
Tha rèis rathaid nam fear air tighinn gu ceann le Brian Mac a' Phì a' crìochnachadh san 27mh àite le uair de 02:25:48, agus Iain MacArtair san 33mh àite le uair de 02:27:27.
A' bruidhinn ris an sgioba againn ann an Arcaibh thuirt Iain gur e rèis chruaidh a bh' ann ach gun robh an dithis aca toilichte le mar a chaidh dhaibh.
Bha nas lugha na diog eadar an fheadhainn a thog na buinn.
'S e Tom Huelin à Jersey a bhuannaich am bonn òir, is e crìochnachadh le uair de 02:19:19, dìreach air thoiseach air Roberto Ledesma Estevez à Menorca (airgead) agus Tyler Hannay à Eilean Mhanainn (umha).










